Dòchas gun tèid sgeama baidhsagail an Inbhir Nis a leudachadh
- Air fhoillseachadh

Tha 20 boireannach air pàirt a ghabhail ann an sgeama baidhsagalachd an Inbhir Nis gus piseach a thoirt air an slàinte-inntinn bho thòisich e anns an Lùnasdal am-bliadhna.
Faodaidh boireannaich iad fhèin a chur air adhart, no iarraidh air doctair sin a dhèanamh, gus faighinn air sgeama a th' air a ruith leis a' bhuidhinn Velocity.
Tha tursan baidhsagail gan tabhann orra an asgaidh dà thuras anns an t-seachdain thairis air mìos.
Tha Velocity an dòchas tuilleadh maoineachaidh fhaighinn a-nis gus am faigh iad air barrachd air dà thuras anns an t-seachdain a thoirt dha na boireannaich.
Thuirt tè-labhairt bhon bhuidhinn: "Chan eil sinne eòlach air pròiseictean sam bith eile a tha ag amas gu sònraichte air boireannaich aig a bheil dìth misneachd no trioblaidean le slàinte inntinn.
"B' fheàrr leinn gun robh an cothrom againn tursan baidhsagail a chur air dòigh a h-uile là, agus tha sinn a' coimhead ri maoineachadh fhaighinn gus an t-amas sin a choileanadh.
Thòisich Velocity ann an 2012 agus tha cafe aca faisg air meadhan Inbhir Nis anns a bheil àite-càraidh airson bhaidhsagalan.