Iarrtas gus Bile nan Eilean a leudachadh

  • Air fhoillseachadh
Gleann EilgTùs an deilbh, Andrew Hill / Geograph

Dh'iarr comhairliche à Taobh Siar Rois gun tèid Bile nan Eilean a leudachadh gus sgìrean iomallach na Gàidhealtachd a thoirt a-steach.

Tha co-chomhairle a' dol an-dràsta air bile nan Eilean, a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba san t-Sultain.

Thàinig an Riaghaltas air adhart leis a' bhile às dèidh iomairt bho na trì comhairlean eileanach - Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh is Comhairle Shealtainn - is iad ag iarraidh chumhachdan a bharrachd.

Thuirt an Comh. Audrey Nic na Ceàrdaich, a tha a' riochdachadh Taobh Siar Rois, Srath Pheothair is Loch Aillse, gun dèan am bile feum do choimhearsnachdan eileanach.

Taic

Tha i a' cumail a-mach, ge-tà, gum bu chòir taic is dìon a bharrachd a bhith ann dha leithid na sgìre aice fhèin cuideachd.

"Feumaidh sinn smaoineachadh mun Ghàidhealtachd cuideachd", thuirt an Comh. Nic na Ceàrdaich.

"S dòcha gu bheil àitichean ann a tha a cheart cho iomallach ris na h-eileanan agus bhiodh e math nam biodh am bile nas motha na dìreach na h-eileanan.

"Bu chòir gum bi e a' bruidhinn air a h-uile rud a tha dùtchail.

"Tha an aon sheòrsa thrioblaidean ann an sgìrean iomallach 's a tha anns na h-eileanan", thuirt i.

Mura gabh Bile nan Eilean leudachadh gus àite a thoirt do sgìrean air Tìr-Mòr, bu chòir beachdachadh air bile eile a bheireadh taic dhaibh, thuirt an Comh. Nic na Ceàrdaich.

Cinnteach

Thuirt i gu bheil i cinnteach gun cuir Comhairle na Gàidhealtachd taic ris a' phrionnsabal sin anns an fhreagairt aca air Bile nan Eilean.

Nochd an comhairliche Sgitheanach, Hamish Friseal, dragh mar-thà gum faodadh am bile sgaradh a dhèanamh eadar eileanan na dùthcha.

Tha iomagain air Mgr Friseal gur iad na h-ùghdarrasan eileanach a gheibh a' bhuannachd as motha bhon bhile, is gu bheil cunnart ann gun tèid sgìrean eileanach eile fhàgail air dheireadh.

Thig co-chomhairle Bhile nan Eilean gu ceann air an 23mh den Dùbhlachd.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh