Bothan àirigh ùr an Leòdhas

Seann bhothan àirigh Image copyright JJM/Geograph
Image caption Tha tobhtaichean nam bothan àirigh rim faicinn ann an iomadach àite sa mhòintich anns na h-Eileanan, gu h-àraid far a bheil pùir am measg an fhraoich.

Fad linntean mòra bhiodh na Gàidheil a' falbh a-mach dhan mhonadh le an cuid stuic, a' fuireach fad an t-Samhraidh ann an bothain bheaga.

An-diugh chan fhaicear ach tobhtaichean nam bothan àirigh a-muigh sa mhòintich.

Ach fhuair buidheann coimhearsnachd air taobh siar Leòdhais cead-dealbhachaidh gus bothan àirigh ùr a thogail airson innse do dhaoine mu eachdraidh dòigh-beatha an sinnsirean.

Chan ann, ge-tà, fada bho na bailtean a bhiotheas i, ach air oir an rathaid mhòir eadar Brù agus Àrnol.

Slighe luchd-turais

"Tha sinn ga togail faisg air an rathad mhòr ach am bi e furasta dha daoine a thighinn a shealltainn air an àirigh 's gum faic iad dè seòrsa rud a th' ann, 's a bh' ann," thuirt Margaret Joan NicLeòid, bho Chomann Eachdraidh Bhrù 's Bharabhais, a tha air cùlaibh a' phòiseict.

"'S chan eil fada aca ri coiseachd, bhon tha sinn fèadhair ri taobh an rathaid mhòir.

"Tha àite gu bhith againn airson parcadh, dha busaichean agus dha càraichean.

"'S faodaidh duine sam bith a thighinn a-steach a shealltainn air an àirigh.

"Tha sinn a' dol a dh'fheuchainn cho mòr 's is urrainn dhuinn gum bi i cho coltach ris na seann àirighean 's a ghabhas sin a dhèanamh.

"Bidh i air a dèanamh de chloich, agus 's dòcha gum bi cìp air an taobh a-muigh aice.

"Agus na broinn cha bhi mòran ri fhaicinn ann. Bidh sinn ga cumail mar a thuirt mi cho coltach 's a ghabhas ri mar a bha broinn nan àirighean eile.

"Ach gum bi leabaidh innte, 's bidh àite teine againn, 's being, bòrd. 'S dòcha gum bi pàipear-naidheachd air na ballachan.

"Bìoball, peilichean 's soithichean, agus uinneagan airson stòradh rudan ann," thuirt i.

Tha an Comann Eachdraidh ag amas gum bi an àirigh na pàirt de shlighe do luchd-turais.

"'S e seo pàirt de stòraidh an taobh siar," thuirt Margaret Joan.

"Tha luchd-turais a' tòiseachadh aig na tursachan, ag ionnsachadh mu dheidhinn sin, 's bidh iad a' dol gu na Geàrranan, 's am Broch, agus a' dol sìos an uair sin a Shiabost chun a' Mhuilinn, 's am Bràgar tha cnàmhan na muice-mara, 's an Àrnol tha an taigh dubh. Cha bhi an còrr aca tuilleadh gus an ruig iad Steòrnabhagh.

"Ach le seo, bidh stad eile aca an seo, agus chì iad mar a bha àirigh, bhon chan eil àirigh ann an àite sam bith eile far an urrainn dha daoine a dhol a-steach, agus tha feum mòr gum bi fios aca air tòrr mu dheidhinn," thuirt i.

Foghlam

Tha Margaret Joan cuideachd na tidsear, agus i den bheachd gum bi an àirigh na goireas gu math feumail a thaobh foghlaim na sgoile.

"Tha an curriculum ùr a' brosnachadh gum bi sgoilearan ag ionnsachadh mu dheidhinn eachdraidh agus mu dheidhinn croitearachd," thuirt i.

"Tha buidhnean ann a chuidicheas le seo, mar Crofting Connections.

"Agus tha tòrr mòr a bharrachd chothrom ann anns an là a th' ann airson ionnsachadh mu dheidhinn sin na bh' ann.

"Às eagmhais àirigh, chan eil stòraidh an taobh siar deiseil," thuirt i.

Thathas an dòchas gum bi an àirigh deiseil airson Samhradh na h-ath-bhliadhna.