Earrainnean gan reic an sgeama na Comraich
- Air fhoillseachadh

Tha earrannan gan reic ann an sgeama hydro coimhearsnachd air a' Chomraich is dòchas ann gun tig bunnachdan gu leòr air ais dha na daoine air a' cheann thall.
Thòisich obair-togail as t-Samhradh air an sgeama aig Allt Breugach.
Thathas an dòchas gun cruthaich an sgeama 90kw is gun tog e còrr is £100,000 sa chiad bhliadhna.
Chuir a' choimhearsnachd romhpa £780,000 a thogail le a bhith a' reic earrainnean san sgeama, is sia seachdainnean aca gus an targaid a ruighinn.
Misneachail
Tha iad gu math misneachail gun tèid aca air sin a dhèanamh.
"S e sùim gu math àrd a th' ann ach bho dh'fhosgail an cothrom do dhaoine earrainnean a cheannach Disathairne, tha iad air còrr is £130,000 a thogail mar thà", thuirt Gòrdan Camshron a tha a' fuireach air a' Chomraich.
"Aig an ìre as ìsle, 's e £300 a tha na h-earrannan a' cosg agus ge brith dè tha daoine a' cur a-steach, tha an aon chosgais a' ciallachadh aon bhòt, mar sin tha guth co-ionnan aig duine sam bith a tha a' cur airgid a-steach", thuirt e.
Tha obair-togail a' tighinn air adhart aig an làraich is tha a' choimhearsnachd an dòchas gum bi an sgeama deiseil ro dheireadh na bliadhna.