"Piseach a dhìth" air cùram aig Ospadal Ghallaibh

Feumaidh seann daoine cùram nas fheàrr fhaighinn aig Ospadal Ghallaibh, a-rèir Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim.

Thadhail luchd-sgrùdaidh air an ospadal, a th' ann an Inbhir Ùige, anns an Lùnasdal.

Thuirt iad gun lorg iad aon eisimpleir deug de dheagh chùraim, ach bha iad ag ràdh gum feumadh piseach a thighinn air ceithir rudan deug, samhail mar a tha fiosrachadh ga chlàradh agus mar a tha planaichean cùraim gan cur ri chèile.

Bha iad ag ràdh gum feum fiosrachadh a bhith air a chlàradh ann an dòigh nas cunbhalaiche agus gum feum planaichean cùraim a bhith mionaideach gu leòr gus luchd-obrach a tha a' coimhead às dèidh seann daoine a threòireachadh.