Dragh ga thogail mu dheoch-làidir anns na h-Eileanan Siar
- Air fhoillseachadh
Thog BPA Nàiseantach nan Eilean Siar, Alasdair Allan, dragh mun chàirdeas a th' aig muinntir na sgìre le deoch-làidir.
Tha seo a' tighinn an dèidh do dh'àireamhan sealltainn gu bheil deicheadan bhliadhnaichean ann bho bha ìrean bàis co-cheangailte ri deoch-làidir cho àrd anns na h-Eileanan Siar.
Sheall àireamhan bho Chlàran Nàiseanta na h-Alba gun robh gnothaich aig deoch-làidir ri 15 bàs anns na h-eileanan an-uiridh.
Tha ìrean bàis co-cheangailte ri deoch-làidir anns na h-Eileanan Siar aig 5.5 bàsan airson gach 10,000 duine - an ìre as miosa an Alba.
'S e 2 an ìre chumanta airson Alba, leis an dàrna sgìre as miosa - Glaschu is Cluaidh - aig 2.5 airson gach 10,000 duine.
Thuirt Alasdair Allan: "Tha deoch-làidir a' dèanamh call mòr anns na h-eileanan agus air feadh Alba.
"Tha seo na dhearbhadh dhomh gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh an rud ceart le bhith a' feuchainn ri smachd fhaighinn air deoch-làidir fìor shaor."