Dragh mu sheirbheis aiseig Shlèite
- Air fhoillseachadh
Tha dragh mòr air Comhairle Choimhearsnachd Shlèite mu atharrachaidhean a tha san amharc dha seirbheisean aiseig timcheall air an sgìre aca.
Tha Riaghaltas na h-Alba am beachd barrachd sheòlaidhean a bhith eadar Armadal agus Malaig, agus slighe aiseig a stèidheachadh eadar Malaig agus Loch Baghasdail.
Ach tha moladh ann cuideachd gum biodh am bàta a tha an-dràsta a' frithealadh Malaig agus Armadail ga gluasad, agus bàta nas sine a' dol na àite.
Thuirt Ruairidh Moireach bho Chomhairle Choimhearsnachd Shlèite gu fàgadh sin nach biodh seirbheisean idir cho math sa tha iad an-dràsta.