Moladh airson prìomh oifisean comhairle a reic
- Air fhoillseachadh
Tha buill phàrlamaid do sgìre Earra-Ghàidheal air moladh gun tèid prìomh oifisean na Comhairle aig Cille Mhoire a reic, ann an oidhirp gearraidhean mòra ann an seirbheisean a sheachnadh.
Tha sin am measg fichead moladh bho na Buill Phàrlamaid Albannach Mìcheal Ruiseal agus Mike MacCoinnich, agus am ball aig Westminster, Brendan O'Hara.
Tha Mgr Ruiseal am beachd gu bheil còir aig a' chomhairle a bhith nas cruthachaile nan obair agus nas fhaisge air an t-sluagh, agus gum biodh e na b' fhearr luchd-obrach na comhairle a sgaoileadh tron sgìre barrachd.
Thuirt e: "'S e togalach aosda a th' ann a tha cosgail a ruith - tha an t-àm ann smaoineachadh air plana radaigeach.
"Tha tòrr àiteachan ann far am faodadh buidhnean nas lugha a bhi a' frithealadh an t-sluaigh - seach a bhith an Cille Mhoire - àite far nach bi ach glè bheag de dhaoine a' dol."