Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 1100

21 An Dàmhair 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Logarbaidh

Fhuair eòlaichean Albannach agus Ameireaganach, a tha a' rannsachadh bomadh Logarbaigh ann an 1988, cuireadh a dhol a Libia a bhruidhinn ri dithis a tha fo amharas as ùr an sin. Thàinig an cuireadh bhon bhuidhinn a tha a' riaghladh anns a phrìomh bhaile, Tripoli, agus ann an earrannan mòra eile de Libia, ach nach eil aithnichte gu h-eadar-nàiseanta.

Sìona

Tha làn dùil gun cur Ceann-suidhe Shìona aonta ri cùmhnantan malairt, anns am bi luach na billeanan notaichean, air an dàrna latha air a thuras stàite ann am Breatainn. Am measg sin, tha coltas gun cur Sìona airgead an sàs ann an stèisean cumhachd niuclasach ùr Hinkley Point ann an Somerset. Agus tha a' chompanaidh Alexander anns an Eaglais Bhric a' dol an sàs ann an luach còrr is £150m de dh'obair a' togail bhusaichean do Shìona.

Tubaist a' Chlutha

Chì teaghlachean a chaill càirdean ann an tubaist heileacoptair Thaigh-seinnse a' Chlutha ann an Glaschu bho chionn faisg air dà bhliadhna, an aithisg an-diugh a thàinig bho Mheur Rannsachaidh nan Tubaistean Adhair. Chaidh deichnear a mharbhadh nuair a thàinig an heileacoptair poilis a-nuas air mullach an toglaich anns an t-Samhainn, 2013. Thuirt aithisg eadar-amail an AAIB gur e einnsean an heileacoptair a dh'fhàilig.

Mosco

Bha còmhraidhean ann an Mosco a-raoir eadar Ceann-suidhe Shiria, Bashar al-Assad, agus Ceann-suidhe na Ruis, Vladimir Putin. Thuirt an Kremlin gun do bhruidhinn iad air iomairt na Ruis ann an Siria a thòisich le ionnsaighean bhon adhair air a' mhìos seo chaidh.

Nicola Sturgeon

Iarraidh Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, beachd mhuinntir nan eilean air dè na chumhachdan a dh'iarradh iad do choimhearsnachdan eileanach ann am Bile nan Eilean. Tha Nicola Sturgeon san Eilean Sgitheanach an-diugh a' toirt seachad Òraid Bhliadhnail Shabhal Mòr Ostaig agus dùil gun dèan i moladh air àite na Gàidhlig ann an eaconomaidh nan eilean.

Slèite

Tha dragh air Comhairle Choimhearsnachd Shlèite gum bi seirbheis aiseig nas miosa eadar Armadal agus Malaig le plana Riaghaltas na h-Alba. Ged a bhios tuilleadh sheòlaidhean ann, tha a' chomhairle choimhearsnachd mì-thoilichte gum bi am bàta an Loch Coruisk ga toirt far na slighe aig amanan agus bàta eile a' dol na h-àite.