Gearain am Barraigh mu laimrigean

Tha luchd-gnothaich agus luchd-poileataigs ann am Barraigh air draghan mu na laimrigean aig an Àird Mhòir agus ann an Èirisgeidh a thogail a-rithist leis na h-ùghdarrasan.

Thathas ag ràdh nach urrain dha na làraidhean no busaichean as mòtha na laimrigean a chur gu feum, a' ciallachadh nach urrainn dhaibh seòladh thar Chaolas Bharraigh air an aiseig.

Tha sin a' cur maill air an eaconomaidh ionadail.

Thathas air sgrìobhadh dhan chomhairle agus gu Còmhdhail Alba a' faighneachd dè an t-adhartas a tha ga dhèanamh leis a' chùis.

Thèid bruidhinn air aig coinneamh de Bhuidheann Luchd-cleachdaidh nan Aiseag a dh'aithghearr.