Tesco a' call còrr air £6m
- Published
Rinn Tesco call de chòrr air £6m an dèidh dhaibh cùl a chur ri planaichean gus bùth a thogail ann an Loch Abar, a-rèir fiosrachaidh a fhuair am BBC.
Tha dùil a-nis gun tèid ospadal a thogail air an làraich sa Ghearasdan.
Dh' ionnsaich am BBC gun d' thug iad cha mhòr £8m do Miller Developments airson talamh anns a' Ghearasdan far an robh iad airson bùth a thogail ann an 2012, nuair a bha a' chompanaidh anabarrach soirbheachail.
Chosg iad barrachd an uair sin air leasachaidhean, 's iad air rathaidean a thogail, am measg eile.
Ach, aig toiseach na bliadhna dhearbh Tesco nach robh iad gu bhith cumail orra le planaichean son 49 bùth ùr a thogail gu nàiseanta, ri linn trioblaidean ionmhais.
Bha bùth a' Ghearasdain nam measg.
Chaidh an làrach a-reic air a' mhìos a chaidh gu Comhairle na Gàidhealtachd airson £2m.
Ann am brath-naidheachd, thuirt Tesco gun robh iad an dòchas gum biodh seo na bhuannachd dhan eaconamaidh ionadail anns a' Ghearasdan.