Tagradh mu fhear a chaidh a dhìth à Crothaigh
- Air fhoillseachadh
Tha na poilis an Inbhir Nis a' sireadh fiosrachaidh mu dhuine a tha a dhìth.
Chaidh aithris gu bheil Scott Vallis, 36 bliadhna a dh'aois, mu 6'1" a dh'àirde, tapaidh le falt goirid dorch.
Chaidh Scott a dhìth à sgìre Chothaigh agus tha dùil gu bheil e a' cleachdadh a' chàr aige - Ford Mondeo geal leis an àireamh EK61EKZ.
Dh'iarr na poilis air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu dheidhinn fios a chur thuca air 101.