Casg ga iarraidh air sgìrean MPA

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio,

Iarrtas maill a chuir air planaichean MPA

Dh'iarr BP nan Eilean Siar aig Westminster, Aonghas Brianan MacNìll, gum bu chòir casg a dhol air planaichean 'son sgìrean glèidhte mara gus an tèid cumhachdan ùra a thaobh eileanan na h-Alba aontachadh.

Cuideachd, thuirt e gu bheil pàirt dhan riaghaltas ann an Holyrood nach eil a' toirt for air beachdan mhuinntir nan eilean a tha air cur an aghaidh nam planaichean.

Thog iasgairean dragh mar-thà gu bheil am fiosrachadh air a bheil planaichean an Riaghaltais stèidhichte, nam beachd, ceàrr.

Tha iad a' cumail a-mach gum faodadh na sgìrean MPA cron mòr a dhèanamh air an iasgach chun na h-ìre is gum biodh aig cuid ri cùl a chur ris a' ghnìomhachas.

Chaidh riochdairean an iasgaich do Holyrood air a' mhìos seo chaidh gus am fiosrachadh aca fhein a chur mu choinneamh nam ball.

Co-chomhairle

Le co-chomhairle cuideachd a' dol an-dràsta air Bile nan Eilean, a bheireadh cumhachdan a bharrachd do dh'eileanan na dùtcha, tha Mgr MacNìll ag ràdh gum bu chòir sgìrean MPA ùra a chur an darna taobh aig an ìre seo.

"Tha mi a' smaointinn, leis gu bheil co-chomhairle a' dol air Bile nan Eilean, gum biodh e ciallach casg a chur air planaichean MPA gus am bi aonta ann air cumhachdan ùra dha eileanan", thuirt Mgr MacNìll.

"Aig àm nuair a thathar a' beachdachadh air cumhachdan ùra, is teansa gum biodh smachd a bharrachd air sgìrean mara nam measg, shaoilinn gum biodh e iomchaidh dàil a chur air na planaichean seo.

"Mar phàirt den fhreagairt agam fhin air iarrtas Nicola Sturgeon 'son beachdan dhaoine air Bile nan Eilean, 's e a bhith faiceallach leis na planaichean cruaidhe seo 'son sgìrean MPA a nì cron air eaconomaidh eileanan.

Samhla

"S e samhla a tha seo air rudeigin a bu chòir a bhith air a làimsicheadh ann an eileanan fhèin, far am bi a' bhuil ann", thuirt e.

Thog Mgr MacNìll cuideachd air an sgaradh bheachd a th' ann ann eadar iasgairean is Marine Scotland a thaobh buaidh nan sgìrean air a' ghnìomhachas.

Thuirt e gu bheil e air sgrìobhadh gu Ministear an Iasgaich, Ridseard Lochhead, is Ministear nan Eilean, Derek MacAoidh, gus iarraidh orra sgrùdadh eaconomach a dhèanamh air buaidh nan sgìrean MPA.

"Tha iomagain orm mu na planaichean seo is tha mi den bheachd gum bu chòir dha Riaghaltas na h-Alba gabhail air an socair le co-dhùnadh cho buileach cudromach", thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh