Eaglais ùr am Baile Dhùbhthaich
- Air fhoillseachadh

Feumaidh coithional na h-Eaglaise Saoire ann Baile Dhùbhthaich mu £1m a thogail airson eaglais ùr fhaighinn dhaibh fhèin.
Tha an togalach anns a bheil an coithional an-dràsta ro bheag dhaibh, agus shoirbhich leotha nan oidhirp togalach faisg air làimhe a cheannach.
Bha seo a dh'aindeoin 's gun robh buidhnean eile cuideachd ga iarraidh mar làrach airson taighean ùra.
Seann eaglais
Tha an togalach anns a bheil an coithional an-dràsta a' fàs aosta, agus tha obair mhòr an cois a bhith ga chumail aig ìre.
Tha cuideachd àrdachadh air tighinn air an àireamh dhaoine a tha a' frithealadh na h-eaglaise 's barrachd rùim a-nis a dhìth orra.
Tha ministear na h-eaglaise, an t-Urr. Alasdair MacAmhlaigh, ag ràdh gur ann a-nis a thòisicheas an obair gu ceart.
"Cha b' fhiach dhuinn a dhol a dh'fhastadh ailtirean agus daoine airson planaichean a dhèanamh ron seo oir cha robh càil a ghealltanas ann gum faigheadh sinn an làrach ach feumaidh sinn tòiseachadh air a h-uile càil a tha sin a-nis - feumaidh sinn tòiseachadh a' lorg airgid".
"Tha iad a' cumail a-mach gu bheil e a' cosg mu £1m eaglais ùr a thogail an-diugh".
Tha e misneachail ge-tà, gun tèid aca air am pròiseact a thoirt gu buil.
"'S e obair mhòr a th' ann - 's dòcha gun toir e dhà neo trì bliadhnaichean".