Iasgach lìn
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Iarrtas maill a chuir air planaichean MPA

22 An Dàmhair 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt Ball Pàrlamaid nan Eilean Siar gu bheil pàirt dhan riaghaltas ann an Holyrood nach eil a' toirt for air beachdan mhuinntir nan eilean a tha air cur an aghaidh planaichean airson sgìrean glèidhte mara.

Dh'iarr Aonghas Brianan MacNèill gun deadh stad a chuir air na planaichean gus an aontaich Riaghaltas na h-Alba dè na cumhachdan ùra a tha iad a' toirt dha na h-Eileanan.

Thèid Bile nan Eilean tro Phàrlamaid na h-Alba a dh'aithghearr.

Bhruidhinn Angela Nic'Illeathain ri Mgr MacNèill.