Ìmpidh air SNH
- Air fhoillseachadh
Bu chòir do Dhualchas Nàdar na h-Alba obair rianachd airson sgeama spadaidh nan gèadh ann an Leòdhas agus na Hearadh a ghabhal os làimh, mura bi buidheann eile ann airson a dhèanamh.
Sin beachd Cathraiche Comataidh Croitearachd Chomhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, agus e air nochdadh gu bheil a' phròiseict ann an cunnart bho nach eil buidheann sam bith deònach uallach a ghabhal air a shon.
Ghabh SNH an obair a-nall bho Colaiste Àiteachais na h-Alba am bliadhna, ach tha iad a-nis airson a chur bhuapa.
Thuirt Mgr Robasdan: "Tha e tàmailteach gu bheil sinn aig ìre nach fhaigh sinn daoine airson obair mar seo a dhèanamh.
"Tha mi a' smaoineachadh gu feumar cuideam a chur air SNH fhèin airson a dhèanamh.
"Aig deireadh an latha 's e buidhnean mar SNH as coireach gu bheil na trioblaidean ann."