Dùil ri fògarraich tràth an ath-bhliadhna

Boireannaich aig càmpa fògarrach an an Siria Image copyright Reuters
Image caption Tha ùghdarrasan ionadail a' dèanamh deiseil airson àiteachan-còmhnaidh a thoirt dha fògarraich à Siria.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum bi a' chiad buidheann de dh'fhògarraich à Siria anns an sgìre tràth an ath-bhliadhna.

Thig suas ri 30 teaghlach uile gu lèir.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd am measg nan ùghdarrasan ionadail a tha a' tabhann dachannan air daoine a tha a' teicheadh bhon t-sabaid ann an Siria.

Ann an aithisg airson comhairlichean, mhol oifigearan eadar 25 is 30 teaghlaichean a ghabhail.