Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Dàmhair 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Clutha

Thuirt Oifis a' Chrùin gum bi rannsachadh tubaist bhàsmhoir ann cho luath 's a ghabhas air tubaist heileacoptair ann an Glaschu. Thuirt an aithisg dheireannach aig Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Adhair, a chaidh fhoillseachadh an-diugh, nach do lean am pìleat na riaghailtean èiginn nuair a leig solas rabhaidh fhaicinn gun robh trioblaid ann le cion connaidh. Chaidh deichnear a mharbhadh nuair a thàinig an heileacoptair poilis a-nuas air mullach taigh-seinnse a' Chlutha anns an t-Samhain 2013.

Bordeaux

Chaill 42 duine am beatha ann an tubaist eadar bus agus làraidh faisg air Bordeaux ann an ceann a deas na Frainge. Chaidh an dà charbad nan teine. 'S e seann daoine air turas là a bh' air a' bhus, agus chaidh dràibhear na làraidh, a bha a' giùlain fiodha, a mharbhadh cuideachd. Seo an tubaist as miosa ann an còrr is 30 bliadhna air rathaidean na Frainge.

TalkTalk

Dh'iarr a' chompanaidh TalkTalk a tha a' toirt seachad sheirbheisean fòn agus eadar-lìn an leisgeul a ghabhail an dèidh ionnsaigh air-loidhne anns an deach fiosrachadh pearsanta luchd-cleachdaidh a ghoid. Tha ceithir millean de luchd-cleachdaidh aig TalkTalk ann am Breatainn. Chan eil dearbhadh ann air aithrisean gur e buidheann jihadach a tha stèidhichte san Ruis a bh' air cùlaibh na h-ionnsaigh.

Sgìrean MPA

Tha Ball SNP nan Eilean Siar ann an Westminster ag ràdh gu bheil pàirt de Riaghaltas SNP na h-Alba nach eil a' toirt feart air beachd mhuinntir nan Eilean air sgìrean glèidhte aig muir. Thuirt Aonghas Brianan MacNèill gum bu chòir stad a chur air planaichean airson sgìrean MPA gus am faigh sgìrean Eileanach tuilleadh chumhachdan fo Bhile nan Eilean.

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Dh'iarr Ceannard Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Dick Walsh, air a' bhuidhinn SNP air a' Chomhairle sguir de an càineadh. Dh'aontaich comhairlichean an-dè conaltradh poblach a dhèanamh air gearraidhean fo am faodadh cho mòr ri 300 cosnar a chall. Tha buill an SNP air a' Chomhairle air a bhith a' càineadh ceannas agus dòighean-obrach na Comhairle mu na gearraidhean.