RET do sheirbheisean ChalMac air fad

An t-Eilean Muileach
Image caption Tha Muile a' faighinn seòlaidhean a bharrachd an ath-bhliadhna a thuilleadh air RET

Chuirear faraidhean saora RET air slighean aiseig a' chosta an iar nach robh mar phàirt dhen sgeama roimhe.

Tha seirbheisean Chaolas Bharraigh agus Chaolas na Hearradh, Lios Mòr, Mhuile, Eilean Bhòid agus an Eilein Sgitheanaich am measg na gheibh buannachd às.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun tuit prìs thiocaid singilte airson neach mu 44%.

Tha faraidhean airson càraichean gan lùghdachadh 55%.

Buannachd

Chun an seo bha luchd-siubhail a bha airson carbad a thoirt tarsainn Caolas na Hearadh a' pàigheadh còrr is £34 airson tiocaid singilte.

Tha sin a-nis air tuiteam gu beagan is £13.

Thuirt Cathraiche Comhairle Choimhearsnachd Bheàrnaraigh na Hearadh, Dòmhnall Mac'Illeathain gun dèan an lùghdachadh ann am faraidhean diofar mòr ach gur e luchd-turais as motha a gheibh buannachd às.

"An fheadhainn a tha a-null sa nall, mar a tha luchd-turais, corra uair, neo feadhainn nach eil gan cleachdadh uamhasach tric, gheibh iad tiocaid air dàrna leth na prìs.

"Tòrr dhen fheadhainn a tha a-null sa nall tric tha iad a' ceannach tiocaidean sia, neo deich, neo deich thar fhichead de thiocaid co dhiù, chan fhaigh iad-san uidhir a shàbhaladh às.

"Bidh gu leòr a tha a' fuireach ann an seo fhèin nach eil a' dol a-null ach uair neo dhà sa bhliadhna 's nach eil airson tòrr airgid a chuir a-mach còmhla a' ceannach tòrr thiocaidean.

"Agus rud eile a tha a' dol a dhèanamh feum mòr se na bhanaichean nas fhaide na còig meataran, na bhanaichean coimearsalta, bha prìs uamhasach orra, tha sin a-nis air a dhol gu sia agus tha an t-uabhas bhanaichean againne ann an seo a' dol air ais 's air adhart, a' toirt stuth sìos agus suas, agus gheibh iad-san a-nis bhanaichean sia meatar a chuir air an t-slighe agus gheibh iad barrachd stuth a thoirt leotha.

"Bha tòrr a dh'fheumadh sin a dhèanamh co dhiù agus bha e a' cosg tòrr dhaibh," thuirt Mgr Mac'Illeathain.

Rathaidean

Tha muinntir Mhuile am measg na tha a' faighinn RET air na seirbheisean aiseig aca Diluain.

Ged a tha gu leòr san eilean a' dèanamh gàirdeachais, tha dragh air cuid gum bi e doirbh dhan eilean dèiligeadh ri tòrr a bharrachd luchd-tadhail, gu h-àraid leis gu bheil dùil ri leudachadh mòr ann an seòlaidhean dhan eilean.

Tha Eleanor NicDhùghaill, à Muile, gu math toilichte gu bheil e gu bhith nas saora a-nis càr a chuir air a' bhàt-aiseig.

Chan eil teagamh oirre gun tèid barrachd dhaoine a thàladh chun an eilein agus ghabh i ris gu robh iomagain air cuid gur dòcha gum biodh na seirbheisean ro thrang.

"Aig amanan tha na rathaidean gu math trang mar a tha, gu sònraichte air an t-samhradh.

"Chan eil iad uile ann an deagh staid anns an eilean agus anns an Ros Mhuileach, mar eisimpleir, far a bheil mi fhìn a' fuireach, tha an rathad gu math cumhang, 's le sin tha ceistean ann mu dheidhinn sin agus an trafaig a bhios a' tighinn dhan eilean.

"Feumaidh iad rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn nan rathaidean.

"Tha iad a-mach air seòladh gach uair eadar an t-Oban agus Creig an Iubhair seach gach dàrna uair mar a th' ann an-dràsta.

"Tha sin a' ciallachadh gu bheil barrachd trafaig a' dol a thighinn dhan eilean," thuirt Ms NicDhùghaill.

Tuilleadh air an sgeulachd seo