Teine an ionad-slàinte Chille Chuimein

  • Air fhoillseachadh
Fort Augustus Medical CentreTùs an deilbh, Scottish Fire & Rescue Service
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh droch mhilleadh a dhèanamh air an togalach

Rinn teine sgrios air ionad-slàinte leis an NHS ann an Cille Chuimein Latha na Sàbaid.

Chuirear fios air na seirbheisean èiginn goirid ro mheadhan là agus an togalach na smàl.

Thàinig luchd-smàlaidh às a' bhaile fhèin agus às Inbhir Nis, Foithear is Druim na Drochaid.

Thug e trì uairean a thìde dhaibh smachd fhaighinn air an teine.

Cha deach duine a ghoirteachadh, ach chaidh milleadh mòr a dhèanamh air an togalach.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gum bi an t-ionad dùinte gus an tèid aca air measadh a dhèanamh air an togalach.

Thuirt iad gum bu chòir do dhaoine ann an suidheachadh èiginn fònadh gu 999.

Bidh seirbheis taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach stèidhichte sa Ghearasdan, mar as àbhaist.