Meirle air motar-baighseagal

Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh bho dhuine sam bith a chunnaic dithis air motar-baighseagal a' goid baga bho dhruim fireannaich ann am Port Rìgh san Eilean Sgitheanach.

Thachair e sa raon-pharcaidh taobh a-muigh bùth a' Cho-op sa bhaile feasgar Dihaoine.

Thuirt na poilis gur dòcha gur e motar-baighseagal far-rathaid a bh'aig an dithis.

Dh'iarr iad air duine sa bith a chunnaic na thachair, neo aig a bheil fiosrachadh sa bith mu dheidhinn, fios a chuir gu Stèisean Poilis Phort Rìgh