Leabhraichean Acair air Geàrr-liosta Saltire
- Air fhoillseachadh

Thuirt a' chompanaidh fhoillsichidh Acair gur e urram a th'ann gu bheil dhà de na leabhraichean aca air a' ghearr-liosta son Duaisean Saltire na Bliadhna.
Tha an leabhar An Dosan aig Norma NicLeòid ann an roinn Leabhar Ficsean na Bliadhna.
S'i an ceathramh nobhail aig a' Bh.Ph. NicLeòid agus tha i gu tur sa Ghàidhlig.
Se Dol fodha na Grèine an dàrna leabhar le Acair air a' gheàrr-liosta.
Tha an leabhar sin dà-chànanach agus ann an roinn Leabhar Eachdraidh na Bliadhna.
Chaidh fhoillseachadh le Acair ann an co-bhann ri Comunn Eachdraidh Nis.
Tha an dà leabhar air duaisean fhaighnn cheana.
Bhuannaich An Dòsan duais Dhòmhnaill Mheek airson litreachas Gàidhlig aig Fèis Dhùn Èideann ann an 2014 agus ghlèidh Dol Fodha na Grèine prìomh dhuais litreachais airson inbhich aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Òban.
Toilichte
Thuirt Norma NicLeòid, a bha na thè-deasachaidh aig Acair gus an do leig i seachad a dreuchd ann an 2010, nach robh dùil aice gum biodh an leabhar aice air geàrr-liosta Saltire.
"Tha e a' cur iongnadh mòr orm, agus tha mi toilichte," thuirt i.
Tha e cudtromach dhan Bh.Ph. NicLeòid gu bheil na leabhraichean am measg leabhraichean Beurla seach ann an roinnean airson leabhraichean Gàidhlig a mhàin.
"Tha e a' sealltainn gun urrainn dha foillsichearan Gàidhlig a bhith aig an aon ìre ri foillsichearan Albannach eile aig a bheil leabhraichean ann am Beurla.
"Sna bliadhnaichean mu dheireadh tha barrachd co-ionnanachd air a bhith ann, agus thathas air tòiseachadh a' coimhead ri sgrìobhadh Gàidhlig, agus tha mi an dòchas Albais, mar sgrìobhadh a tha airidh air aire.
"Tha e fìor mhath, thuirt a'Bh.Ph. NicLeòid.
Leabhar coimhearsnachd
Se leabhar gu math eadar dhealaichte a tha ann an Dol Fodha na Grèine.
Chaidh a chuir ri chèile le sgioba le taic bhon choimhearsnachd.
B'i Cathraiche Comunn Eachdraidh Nis, Anna NicSuain, a bha aig an stiùir agus chaidh a dheasachadh le Dòmhnall Alasdair Moireasdan.
"Se urram mòr a th'ann, chan ann a mhàin do dh'Acair neo do Chomunn Eachdraidh Nis ach dha coimhearsnachd Nis cuideachd, oir se leabhar coimhearsnachd a th'ann.
"Tha sinn air ar dòigh gun deach an leabhar a chuir air adhart airson duais, thuirt a' Bh.Ph. NicSuain.
Rinnear mòran obair-rannsachaidh mus deach an leabhar a chuir ann an clò.
Tha an comunn eachdraidh a-nis an dòchas an aon seòrsa leabhar a dhèanamh mun dàrna cogadh.
Thòisich iad air an obair-rannsachaidh airson sin mur tha.
Sporan teann
Thuirt Cathraiche Acair, Dòmhnall Màrtainn, gu robh iad fìor thoilichte gun deach na leabhraichean a chuir air a' gheàrr-liosta.
"Thathas a' ruith Acair gun mòran airgid.
"Chan eil sinn a' dèanamh prothaid air dòigh sam bith.
"Tha sinn a' crochadh barrachd agus barrachd air a bhith a' reic leabhraichean agus a bhith a' faighinn taic airgid airson leabhraichean sònraichte," thuirt Mgr Màrtainn.
Thèid duaisean Saltire na bliadhna a thoirt seachad Diardaoin an 26mh dhen t-Samhain.