Steòrnabhagh ann an Lionra an MCA

  • Air fhoillseachadh
Aonghas MacIomhair agus Carol Chaimbeul, Ionad-stiùiridh Maor-chladaich Steòrnabhaigh.Tùs an deilbh, MCA
Fo-thiotal an deilbh,
As dèidh ionad Steòrnabhigh, chan eil ach dà ionad eile, Lunnainn agus Dover, ri cheangal ris an lionra nàiseanta.

Tha ionad-stiùiridh Maoir-chladaich Steòrnabhaigh a-nis mar phàirt de lionra nàiseanta maoir-chladaich na dùthcha.

Le teicneòlas ùr tha an stèisean ann an Steòrnabhagh a-nis ceangailte ris an t-Ionad-stiùiridh Mara Nàiseanta, an NMOC, ann am Hampshire agus ri ionadan maoir-chladaich eile air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt Buidhean-ghnìomhna na Mara is nam Maor-cladaich, an MCA, nach toir an t-atharrachadh seo buaidh air an t-seirbheis a tha na maoir-chladaich a' toirt seachad.

Leis gum bi an t-ionad nàiseanta ceangailte ris nan deich ionad air feadh na dùthcha bi e comasach dhaibh taic a thoirt dha gach a chèile aig amanan trang.

Tha an MCA ag ràdh nach eil goireasan gan lùghdachadh agus nach eileir a' gearradh air ais air na th'ann de sgiobaidhean teasairginn, bàtaichean-teasairginn, heileacoptairean is eile.

Co-òrdanachadh

Ged bhios siostam nas èifeachdaiche ann tha an MCA ag radh nach bi an còrr stèiseanan ann an cunnart dùnadh.

Thuirt stiùiriche ionad Steòrnabhaigh, Aonghas MacIomhair, gur e a bha ag atharrachadh an-dràsta ach an dòigh a bha iad a' co-òrdanachadh iomairtean teasairginn.

Mar eisimpleir dh'fhaodadh luchd-obrach aig aon ceann dhan dùthaich a bhith a' dèiligeadh ri gnothaichean làitheil ionadan eile ma tha iad sin an sàs ann an cùis èiginn.

"Cha mhothaich am poball gu bheil càil air atharrachadh.

"Ma dh'fhònas sibh gu 999 a' lorg nam maor-cladaich, neo ma leigeis sibh brath-èiginn ma sgaoil, bidh sinn fhathast ann an seo airson ar cuideachadh," thuirt Mgr MacIomhair.

Crathadh

Tha an t-atharrachadh seo mar phàirt de chrathadh air an MCA a chaidh fhoillseachadh san t-Samhain 2011 leis a' bhall pàrlamaid Mike Penning, nuair a bha e na Mhinistear Loingeis.

Dhùin sia de na 16 ionadan maor-cladaich san dùthaich an-uiridh agus na bu thràithe air a' bhliadhna ri linn sin.

Chan eil ach deich ionad, a thuilleadh air an NMOC, air fhàgail sa Rìoghachd Aonaichte a-nis.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh