Buannachd bho Phròiseactan Cumhachd
- Air fhoillseachadh

Tha Urras Leasachaidh nan Eilean Siar, a th' air airgead fhaighinn bho phròiseactan cumhachd ath-nuadhachail sna h-Eileanan, air £28,000 a phàigheadh do thrì pròiseactan ionadail.
Tha a' bhuidheann Cothrom a' faighinn phanalan-grèine leis an airgead.
Cleachdaidh Fòram Cùraim nan Eilean Siar an t-ionmhas gus an luchd-obrach aca a thrèanadh airson comhairle a thoirt seachad air a bhith a' cùmhnadh chumhachd.
Gheibh Companaidh Coimhearsnachd Chumhachd Innse Gall taic-stèidheachaidh.
Tha an t-urras, neo an WIDT, an dòchas gun tig leudachadh air an taic a tha iad a' toirt seachad an ceann ùine.
Seo a' chiad turas a chaidh airgead a thoirt seachad leis an WIDT, a chaidh a stèidheachadh mar urras coimhearsnachd ann an 2006 agus mar urras cathrannais ann an 2014.
'S e amas na buidhne taic a chur ri leasachadh agus ath-chruthachadh sna h-Eileanan an Iar tro a bhith a' sgaoileadh airgid a chaidh fhaighinn bho leasachaidhean cumhachd ath-nuadhachail airson a chosg air pròiseictean coimhearsnachd.
Seasmhach
Tha Cothrom an dùil na panalan-grèine a gheibh iad-san a chur air mullach an ionaid ath-chuairteachaidh ùir ann an Ormacleit ann an Uibhist a Deas.
Tha Restore Renewables, a tha mar phàirt de Chothrom, ag ùrachadh agus ag ath-chuairteachadh àrnais, aodach, gnothaichean electronaigeach, leabhraichean agus irisean.
'S e prìomh amas na buidhne trèanadh, sgilean agus comhairle a thoirt do dhaoine.
Thuirt Manaidsear Cothrom, Barbara NicDhòmhnaill, gun robh iad air an dòigh gun robh iad a' faighinnn £10,000 bhon stòras.
"Cuidichidh an taic ionmhais seo a' bhuidheann ann a bhith nas seasmhaiche san àm ri teachd," thuirt i.
Bidh Companaidh Coimhearsnachd Chumhachd Innse Gall a' faighinn £10,000 cuideachd.
Thèid sin a chur ris an t-suim a tha a dhìth airson a bhith a' stèidheachadh companaidh dhealain a tha ag amas air dealan a lìbhrigeadh dhan choimhearsnachd.
Cuiridh Fòram Cùraim nan Eilean Siar an £8,000 a tha iad-san a' faighinn ri Pròiseact Trèanaidh Luchd-cùraim.
A thuilleadh air a bhith a' toirt trèanaidh dha luchd-cùraim bithear cuideachd gan comhairleachadh air mar as urrainn dhaibh na cosgaisean connaidh aca a lùghdachadh.
Milleanan notaichean
Tha an t-airgead a tha aig an WIDT an-dràsta a' tighinn bho phròiseictean tuathan gaoithe air tìr agus aig muir, agus bho sgeamaichean cumhachd mara.
Rè ùine, ma thèid càball dealain ùr a chur sa Chuan Sgìth, tha dòchas ann gun leudaich obair an urrais gus taic a thoirt do choimhearsnachdan sealbh fhaighinn air bun-structar cumhachd ath-nuadhachail mòr.
Bheireadh sin cothrom do sgìrean cumhachd "uaine" fhaighinn aig ìre ionadail.
Thuirt fear de bhuill an urrais, Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gum faodadh na milleanan notaichean a bhith san stòras ma thèid an ceangal a chur an sàs eadar na h-eileanan agus Tìr-Mòr.
"Aig an ìre seo ge-tà, chan urrainn dhuinn ach a bhith ag obair taobh a-staigh an ionmhais a th' againn agus, gun teagamh, tha cothroman mòra gu bhith ann san àm ri teachd ma 's e 's gun tig an càball agus gun tig an stòras sin a-steach dha na h-eileanan.
"Bidh sinn a' coimhead a-rithist ris an ro-innleachd a th' againn a thaobh nan rudan air am bi sinn a' cosg airgid ma 's e agus gun tig airgead mòr den leithid a tha sinn an dòchas a thig an lùib chumhachd ath-nuadhachail," thuirt Mgr Dòmhnallach.