Goireas ùr 'son galaran stuic a sgrùdadh

Caoraich

Tha coltas ann gun tèid goireas ùr a chur an àite an deuchainn-lainn ann an Inbhir Nis a bhios a' sgrùdadh ghalaran bheathaichean.

Tha am moladh ann an litir a sgrìobh Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Ridseard Lochhead, gu BPA Arcaibh, Liam MacArtair.

Bidh an deuchainn-lann ann an Inbhir Nis a' sgrùdadh ghalaran ann am beathaichean agus a' dèanamh rannsachaidhean post-mortem air sprèidh bho sgìre mhòir de cheann a tuath na h-Alba.

Bidh an luchd-obrach cuideachd a' rannsachadh dè a thug bàs dha beathaichean-mara, leithid mucan-mara agus leumadairean-mara.

Ann an co-luadar a rinnear mu sgrùdadh ghalaran bheathaichean ann an Alba chaidh a mholadh deuchainn-lann Inbhir Nis a dhùnadh.

Dh'adhbhraich sin dragh mòr am measg chroitearan, thuathanach agus lìghichean-sprèidh.

Thuirt Colaiste Dhùthchail na h-Alba, a tha os cionn na seirbheis, an uair sin gun robh iad a' beachdachadh air roghainnean eile seach a bhith a' dùnadh an deuchainn-lainn.

Anns an litir, thuirt Mgr Lochhead, gun robh a' cholaiste a' rannsachadh moladh an deuchainn-lann a chumail fosgailte gus an tèid goireas ùr a thogail ann an Inbhir Nis.