Ionad ùr ann an Gleann Eilg air fàire

  • Air fhoillseachadh

Fhuair a' chompanaidh a tha a' ruith na seirbheis aiseig eadar Caol Reatha agus an t-eilean Sgitheanach cead-dealbhachaidh, ann am prionnsabal, airson ionad-coimhearsnachd, bùth agus eile a thogail faisg air a' chidhe ann an Gleann Eilg.

Tha iad airson 's gum bi àite ann do dhaoine a tha a' feitheamh ri a dhol tarsainn a' chaolais.

Ach tha cuid an aghaidh a' phlana agus dragh orra gun dèan e cron air bùitean agus taighean-bìdh anns a' bhaile fhèin.