Plana 'son tuathanais-èisg ga dhiùltadh

Loch Pholl Teil Image copyright Richard Dorrell/Geograph

Chaidh cead-dealbhachaidh a dhiùltadh do thuathanas-èisg ann an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich.

Bha a' chompanaidh Kames Fish Farming Eta airson dusan cèidse chur ann an Loch Pholl Teil faisg air Gleann Dail.

Bhiodh cosnadh air a bhith ann do co-dhiù ceathrar.

Ach dhiùlt Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath aig Comhairle na Gàidhealtachd taic a thoirt dhaibh agus dragh orra mun aràinneachd.

Bha còrr 's 70 duine air cur na aghaidh.

Dhiùlt Comahirle na Gàidhealtachd cead-dealbhachaidh a thoirt dhan chompanaidh airson tuathanais èisg san loch bho chionn dà bhliadhna.

Bha còrr 's 200 duine na aghaidh, agus 100 air a shon aig an àm, agus thàinig air a' chompanaidh na planaichean aca atharrachadh.

Fon phlana a chuir iad adhart an-dràsta bha iad airson dusan cèidse a thogail, a bhiodh a' cumail 2,500 tunna de dh'iasg air a' char as àirde.

Bha iomagain air an fheadhainn a bha na aghaidh mun bhuaidh a bhiodh aige air an àrainneachd.

Ach thuirt an fheadhainn a bha air a shon gu robh feum mòr air cosnaidhean anns an sgìre.

Bha tuathanas-èisg stèidhichte ann an Loch Pholl Teil roimhe, anns na h-80an.

Tuilleadh air an sgeulachd seo