Coinneamh mu aiseag Chinn Tìre

Ceann Loch Chille Chiarain Image copyright Undiscovered Scotland

Tha luchd-strì a tha a' sireadh gealltanais mu na tha an dàn do sheirbheis aiseig eadar Cinn Tìre agus Siorrachd Àir a' coinneachadh ri Rùnaire na Còmhdhail, Derek Macaoidh, Dimàirt.

Tha seirbheis air a bhith a' ruith airson trì bliadhna tron t-Samhradh eadar Àird Rosain agus Ceann Loch Chille Chiarain mar sgeama phìleat le Cal Mac.

Tha luchd-iomairt ann an Cinn Tìre ag ràdh gun tug e piseach air eaconamaidh na sgìre, agus tha iadsan airson 's gun tèid a chumail a' dol làn-ùine.

Thuirt Còmhdhail na h-Alba gun tèid co-dhùnadh deireannach a dhèanamh nuair a tha an sgrùdadh farsainn air an sgeama phìleat seachad.