Dragh mu shàbhailteachd aig Loganair

Plèana Loganair

Thuirt aonadh nam poidhleatan, BALPA, gu bheil cunnart ann gun tèid a' chompanaidh adhair Loganair à bith mura h-atharraich iad an dòigh sa tha obair-càraidh ga dhèanadh air na h-itealain aca.

Ann an litir gu Loganair Diardaoin a chaidh thuirt an t-aonadh gu robh roinn-innleadaireachd na companaidh ann an suidheachadh èiginneach agus gu robh dùbhlan ro na h-innleadairean na plèanaichean a tha a' frithealadh nan eilean sa tha a' fàs aosd, a chumail aig an ìre a bu chòir.

Mar fhreagairt air a sin thuirt Loganair, a bhios a' ruith seirbheisean as leth Flybe, gu bheil iad an-dràsta a' toirt trèanadh dha deichnear innleadairean agus gun toir e greis mus fhaicear buaidh leasachaidhean a chaidh fhoillseachadh roimhe.

Dh'aontaich an dà thaobh coinneachadh son a' chùis a dheasbad.

Thuirt Loganair gu robh iad airson a dhèanamh soilleir nach fhalbhadh poidhleat le plèana nam biodh ceist sam bith ann mu shàbhailteachd.