Aquamarine Power ann an rianachd
- Published
Tha a' chompanaidh chumachd ath-nuadhachail, Aquamarine Power, air a dhol ann an làmhan luchd-rianachd.
Tha a' bhuidhean, stèidhichte ann an Dùn Èideann, air a bhith a' feuchainn ri sgeama dealain bho chumhachd nan tonn a chuir far chladach taobh siar Leòdhais.
Choirich a' chompanaidh suidheachadh na h-eaconamaidh ag ràdh nach robh buidhnean sa roinn phoblaich deònach airgead a chuir ris.
Thèid an ceithir duine deug a bha ag obair dhaibh a chumail ann an cosnadh fhad sa tha oidhirpean ga dhèanamh buidheann eile a lorg a bhios deònach a' chompanaidh a ghabhail os làimhe.
Thuirt Àrd-oifigear Aquamarine Power, Paddy O'Kane, gu robh a' chompanaidh air obair chruaidh a dhèanamh thar nam bliadhnaichean mu dheireadh airson nan innealan cumhachd Oyster a chruthachadh.
"San ùine a tha sin tha sinn air grunn chlachan mhìle a ruighinn a tha air an teicneòlas againn a chuir aig ceann a' ghnìomhachais.
"Se Oyster an aon theicneòlas a dhearbh gun urrainn an seòrsa uidheamachd seo obrachadh sa chuan, ge bith de an aimsir.
"Ach tha naidheachd an latha an-diugh a' sealltainn na dùbhlain ionmhais, a thuilleadh air na dùbhlain theicneòlais, a tha mu choinneamh chompanaidhean a tha a' feuchainn ri siostaman cumhchd ùr a thoirt gu ìre choimearsalta," thuirt Mgr O'Kane.
Thèid a' chompanaidh a ruith le BDO LLP fhad sa tha iad a' feuchainn ri reic.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 15 An t-Sultain 2015
- Published
- 13 An Dùbhlachd 2012
- Published
- 30 An Lùnastal 2012