Iomairt chobhair air Beinn Nibheis

  • Air fhoillseachadh
Beinn NibheisTùs an deilbh, Thinkstock

Chuir ceathrar shreapadairean an oidhche seachad air Beinn Nibheis an dèidh dhaibh a bhith ann an duilgheadas 's iad a' tighinn sìos na beinne.

Fhuair Sgioba Teasairginn Beinne Loch Abair lorg air a' bhuidheinn shuas gu h-àrd ann an gil an stèisean aimsir.

Choisich iad sìos leotha gu àite far am b'urra do heileacoptair nam maor-cladaich an togail.

Chaidh aithris gu robh uidheamachd aig na sreapadaireachd ach gu robh aca ri oidhche fhliuch a chuir seachad air a' bheinn.