Geama mòr aig Mossfield

Pàirc a' Bhucht
Image caption Ceann a' Ghiuthsaich is Gleann Urchadain a' strì 'son Cupa na Camanachd an-uiridh. Bliadhna air adhart, tha cùisean gu math diofraichte dha sgioba Bhàideanach.

'S iomadh turas a choinnich Camanachd an Òbain is Ceann a' Ghiuthsaich ann an geamaichean mòra, agus 's iomadh turas a bha duais chliùiteach ann dhan sgioba a shoirbhich.

Bha sin gu sònraichte fìor tro na 1990'an, nuair a choinnich iad ri chèile 5 tursan sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

B'ann aig Ceann a' Ghiuthsaich a bha làmh an uachdair mar bu trice is an sgioba iongantach a bh' aca a' togail cha mhòr gach duais a bha a' dol.

Tha deagh chuimhne aca fhathast aig Camanachd an Òbain, ge-tà, air 1996 nuair a chuir iad an cèol air feadh na fìdhle gus Ceann a' Ghiuthsaich a leagail 3-2 is Cupa na Camanachd a bhuannachadh 'son a' chiad turas bhon 1938.

Thèid na sgiobaidhean an uganan a chèile a-rithist aig Pàirce Mossfield Disathairne, ach an turas seo 's e duais gu math diofraichte a th'ann; an cothrom fuireach sa Phrìomh Lìog agus geama dearbhaidh an aghaidh Chill Mhàillidh a sheachnadh.

Chan eil e na iongadh gu bheil sgioba an Òbain co-dhiù san t-suidheachadh seo.

'S e seo a' chiad bhliadhna aca air ais sa Phrìomh Lìog agus 's e fuireach an àird an targaid a bh' aca bho thùs.

Cothrom

Bidh iad toilichte gu bheil an cothrom fhathast aca is iad air togail orra san lìog às dèidh dhaibh tòiseachadh gu slaodach.

Dh'atharraich iad manaidsear leathach tron t-seusan is bhon uairsin tha iad air puingean gu leòr a chàrnadh gus sreap os cionn Inbhir Aora aig bonn na lìge, is sgioba Loch Fìn a-nise sìos dhan Lìog Nàiseanta.

Tha fios aig muinntir an Òbain a-nise gum bi iad sàbhailte le cinnt ma nì iad a' chùis air Ceann a' Ghiuthsaich, fiù 's ged a tha dà gheama eile aca ri chluich às dèidh seo.

'S ann aghaidh Bhail' Ùr an t-Slèibh is Caol Bhòid a tha na geamaichean sin, ge-tà, agus tha fios gum b'fheàrr le sgioba an Òbain gun a bhith a' crochadh orra 'son phuingean.

Chan ann mar sin buileach a tha e do Cheann a' Ghiuthsaich, a tha a' cluich an geama lìge mu dheireadh aca an seo.

Ma chailleas iad, 's e an geama dearbhaidh sin le Cill Mhàillidh a bhios ann dhaibh gu cinnteach.

Cugallach

Dh'fhàgadh fiù 's puing iad ann an suidheachadh cugallach is fàbhar à dhìth orra à Bail' Ùr an t-Slèibh - smaoinich - air neo à Taigh na Bruaich.

Chan e strì aig a' bhonn a bha san amharc do Cheann a' Ghiuthsaich aig toiseach an t-seusain idir.

Bho chionn bliadhna bha iad a' dèanamh ghàirdeachais is iad air Cupa na Camanachd a thogail 'son a' chiad uair bho 2006.

Dh'fhàg Raghnall Ros soraidh slàn leotha às dèidh a' gheama sin, ach le ginealach ùr tàlantach a' tighinn troimhe, bha dòchas gu leòr ann dhan sgioba.

Chan eil gnothaichean air obrachadh a-mach mar bu mhiann leotha is an sgioba tric am-bliadhna air am fàgail às aonais chluicheadairean cudromach.

Le cruaidh fheum air na puingean Disathairne, tha fathanan air nochdadh gur dòcha fiù 's gun till Ros gus an cluba a chuideachadh às an èiginn seo.

Gath

Chuireadh sin gath tro Chamanachd an Òbain oir b'e Ros tric a chuir às dhaibh anns na cuairtean deireannaich ud air ais anns na 90'an.

Ach a rèir an duine fhèin, a tha a-nise na mhanaidsear air sgioba na h-Alba, cha bhi e a' cluich Disathairne, ged nach eil sin a' ciallachadh nach fhaic sinn e a-rithist e am-bliadhna.

"Feumaidh sinn an geama seo a bhuannachadh agus tha mi cinnteach gum bi na balaich misneachail", thuirt Ros, às dèidh dha na h-Albannaich an gnothach a dhèanamh air Èirinn aig Pàirc a' Bhucht Disathairne seo chaidh.

"Cha bhi mi a' cluich. Ma thèid e gu geama dearbhaidh air a' cheann thall - is tha mi cinnteach nach tèid - is nan iarradh iad orm cluich, dhèanainn mo dhìcheall an cuideachadh", thuirt e.

An turas seo, co-dhuibh, bidh Ceann a' Ghiuthsaich an dòchas nach bi aca ri fàbhar eile iarraidh bho Raghnall.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile