Sgrùdadh ga iarraidh air plèanaichean Loganair

Plèana Loganair

Feumaidh Loganair sgrùdadh a dhèanamh sa bhad air mar a tha na plèanaichean aca gan càradh, air neo feadhainn ùra a cheannach, a rèir Chathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar.

Bhruidhinn Iain MacAoidh às dèidh do dh'aonadh nam pìleatan, BALPA, dragh a nochdadh mu shàbhailteachd.

Thuirt an t-aonadh nach seasadh Loganair mar chompanaidh mura h-atharraicheadh iad an dòigh sa bheil obair-càraidh ga dèanamh air na h-itealain aca.

Ann an litir gu Loganair thuirt an t-aonadh gun robh roinn-innleadaireachd na companaidh ann an suidheachadh èiginneach agus gun robh dùbhlan ro na h-innleadairean na plèanaichean a tha a' frithealadh nan eilean 's a tha a' fàs aosta, a chumail aig an ìre a bu chòir.

Tha Mgr MacAoidh den bheachd gur dòcha gun cuir am buaireadh seo cuideam air Loganair rudeigin a dhèanamh.

"Tha e na dhragh dhuinn agus 's e rud a th' ann a bha sinn a' tuigsinn gun robh na plèanaichean a' fàs aosta anns a h-uile àite anns an robh iad a' dol.

"Le a bhith ag ràdh sin cha robh gearain sam bith againn ach tha am pìleat a tha seo air a thogail gu bheil draghan air a thaobh an càradh agus am maintenance, mar a chanas sinn, agus 's e an fhreagairt a tha iad a' toirt nach fhalbhadh iad le plèana mura biodh iad cinnteach gun robh e sàbhailte," thuirt Mgr MacAoidh.

Sàbhailteachd

Thuirt Mgr MacAoidh gun robh esan a' creidsinn nach fhalbhadh na pìleatan nam biodh dragh orra mu shàbhailteachd.

Ach tha e a' ghabhail ris gur e rud mòr a th' ann gun do sgrìobh BALPA litir chun na companaidh.

"'S dòcha gur e rud math a th' ann cuideachd o chionn 's gun toir e air Loganair sealltainn ri dè mar a tha iad ag obrachadh 's a' càradh nam plèanaichean agus gur dòcha gun toir e orra sealltainn air às ùr.

"Chan eil mise a' smaoineachadh gu bheil cunnart sam bith ann dhan phoball a bhith a' falbh agus a' siubhail air na plèanaichean a tha seo.

"Chan eil dragh sam bith orm airson sin.

"Ach 's dòcha gur e rud math a bhiodh ann o chionn agus gun sealladh e dhaibh gum feumadh iad sùil a chumail air agus tha fios againn gu bheil na plèanaichean a' fàs aosta agus a h-uile duine a tha a' falbh orra, aithnichidh tu nach eil iad aig an ìre a bu chòir dhaibh a bhith.

"Ach le a bhith ag ràdh sin chanainn gu bheil iad sàbhailte gu leòr," thuirt Mgr MacAoidh.

Mhiannaicheadh Mgr MacAoidh gum faigheadh Loganair plèanaichean ùra, ach chan eil càil a dh'fhios aige am biodh iad deònach sin a dhèanamh.

Thuirt e gun robh e fhèin air a bhith ann an suidheachadh, mar a tha iomadh neach-siubhail eile, far an robh aige ri feitheamh airson plèana ri linn trioblaidean teicnigeach.

Mar fhreagairt air an litir a chuir BALPA thuca thuirt Loganair, a bhios a' ruith sheirbheisean às leth Flybe, gu bheil iad an-dràsta a' toirt trèanaidh dha deichnear innleadairean agus gun toir e greis mus fhaicear buaidh leasachaidhean a chaidh fhoillseachadh roimhe.

Thuirt Loganair gun robh iad airson a dhèanamh soilleir nach fhalbhadh pìleat le plèana nam biodh ceist sam bith ann mu shàbhailteachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo