Tubaist mhairbhteach ann am Muile

Tha dùil ri fireannach sa chùirt Diardaoin an dèidh do bhoireannach a bhith air a marbhadh ann an tubaist-rathaid ann am Muile oidhche Chiadain.

Thachar an tubaist le dà charbad mu 8:15f air an A849 eadar Creag an Iubhair agus Fisnis.

Bhàsaich am boireannach aig làrach na tubaiste.

Thuirt Poilis na Alba gun deach fireannach, 26 bliadhna de dh'aois, a thoirt an grèim co-cheangailte ris a' chùis.

Tha dùil ris ann an Cùirt an t-Siorraidh san Òban Dihaoine.