Tormod Caimbeul
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Oidhche de ghal agus gàire san Lanntair

29 An Dàmhair 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

'Se oidhche de ghal agus gàire a bh'ann aig talla ealain an Lanntair ann an Steòrnabhagh Diciadain.

Chaidh cuirm shònraichte a chumail airson cuimheachadh air an sgrìobhaidair Ghàidhlig Tormod " A Bhocsair" Caimbeul, agus airson an leabhar mu dheireadh a sgrìobh e a chuir air bhog.

'S e measgachadh de stòiridhean goirid a tha ann an "Sgeulachdan sa Chiaradh", agus mar a dh'aithris Dòmhnall MacLaomainn air Aithris na Maidne, tha iad ag innse mòran mu bheatha an sgrìobhadair agus an t-strì a bha aige le aillse 's na laithean mu dheireadh.