Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Dàmhair 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cùis mhoirt

Tha gille, a tha sia bliadhna deug de dh'aois, fhathast an grèim aig poilis ann an Obar Dheathain, a tha a' rannsachadh bàs balach-sgoile air an d'thugadh ionnsaigh le sgithinn aig Acadmaidh na Cùilt. Chaochail Bailey Gwynne, a bha 16, goirid an dèidh na h-ionnsaigh feasgar an-dè. Thuirt Ministear ann an Riaghaltas na h-Alba gur fhiach sùil as ùr a thoirt air sàbahilteachd sna sgoiltean an dèidh na thachair. Thuirt Maureen Watt, ball na sgìre sin de dh'Obar Dheathain ann am Pàrlamaid na h-Alba, agus Ministear Slàinte a' Phobaill, gu bheil sgoiltean na h-Alba, sa chomantas, sàbhailte ach gur dòcha gum bu chòir ath-sgrùdadh a dhèanamh air an t-siostam a th'ann an dràsda.

EU

Thuirt ceannardan Estonia agus na Fionnlan nach tug Daibhidh Camhshron dearbhadh sam bith dhaibh fhathast air dè an seòrsa plana a th'aige 'son ath-leasachadh air càirdeas Bhreatainn ris an Aonadh Eòrpach. Tha Mgr Camshron agus ceannardan eile ann an Innis Tìle aig coinneimh nan dùthchannan Baltic agus Lochlannach. Gheall am Prìomhaire gum bidh fiosrachadh mionaideach aige air an ath mhìos.

Tata Steel

Coinnichidh buidheann-obrach airson a' chiad uair an-diugh a dheasbad plana Tata Steel airson ionadan ann an Tobar nam Màthair agus Camus Lang a dhùnadh. Tha Ministear Gnothachais na h-Alba, Fearghas Ewing, os cionn na buidhne air am bheil riochdairean Tata, na h-aonaidhean agus Comhairle Lannraig. Tha coltas ann gun tèid dè cheud, trì fichead 's deich cosnadh a chall eadar an dà làrach.

Loganair

Chaidh iarraidh air Ùghdarras Catharra nam Plèanaichean rannsachadh a dhèanamh air Loganair agus aonadh nam poidhleat, BALPA, ag ràdh gu bheil dragh orra mu shreath de thrioblaidean teicnigeach air an t-samhradh seo a chuir maill air seirbhisean eadar na h-eileanan agus tìr mòr. Thuirt Cathraiche Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Iain MacAoidh, nach eil dragh air mu shàbhailteachd oir gun tuirt BALPA nach gabhadh poidhleat sam bith dhan adhar nam biodh teagamh ann mu shàbhailteachd.

Tubaist

Tha poilis ann an Grianaig ag iarraidh fiosrachadh mu thubaist rathaid anns a' bhaile feasgar an-dè anns an deach gille òg a mharbhadh. Bhual car, Peugeot 407, sa ghille a bha sia bliadhna de dh'aois, air Rathad Chumberland sa bhaile mu chairteal an dèidh còig feasgar an-dè. Chaochail e sa mhadainn an-diugh aig Ospadal Rìoghail Inbhir Chluaidh.

Àireamh sluaigh

Tha beachd ann gun èirich àireamh sluaigh na h-Alba air an ath chòig bliadha fichead, dhan ìre 's motha a-riamh. Tha Clàran Nàiseanta na h-Alba an dùil gum bidh còig millean agus seachd ceud mìle duine a' fuireach ann an Alba ann an 2039. Tha sin trì cheud gu leth mìle a bharrachd air na bh'ann an-uiridh.

Coinneamh

Chaidh coinneamhan a bha gu bhith aig Murchadh Mac'Illinnein bho Choimisean na Croitearachd ann am Barraigh an-diugh a chuir dheth. Chaidh maill air Mgr MacIllinnein leis nach do sheòl aiseag Chaolas na Hearadh leis an droch shìde sa mhadainn. Thuirt e gun cuir e coinneamhan eile air dòigh a dh'aithghearr.