Airgead dìolaidh 'son bàs fireannaich
- Air fhoillseachadh

Chaidh còrr is £13,500 de dh'airgead dìolaidh a thoirt do theaghlach fireannaich às a' Ghàidhealtachd a bhàsaich an dèidh dha obair-lannsa fhaighinn air a' chridhe.
Chaochail Uilleam Ewan, a bhuineadh do dh'Inbhir Narann bho thùs, an dèidh dha tòrr fala a chall 's e a' faighinn obair-lannsa ann an Ospadal Glenfield ann an Leicester ann an 2007.
Thuirt an nighean aige, Gabriele Shaw, nach deach a mhìneachadh gur e obair-lannsa gu tur ùr a bhathas a' dèanamh air nach robh air cead fhaighinn airson a bhith air a dhèanamh san fharsaingeachd.
Chaidh a' Bh-Ph. Shaw, à Cheshire, gu lagh 's i a' sireadh airgid dhìolaidh bhon lannsair, an Dr Jan Kovac agus bho Urras NHS Ospadalan Oilthigh Leicester, ri linn bàs a h-athar.
Cho-dhùin am britheamh ann an Àrd-Chùirt Lunnainn £13,686 a thoirt dhi.
Thuirt Mgr Ceartas Warby gun robh an t-suim sin ga thoirt dhi air sgàth na dh'fhualaing a h-athair, a thuilleadh air a bhith a' cuideachadh le cosgais an tiodhlacaidh.
Tha an t-seòrsa obair-lannsa a chaidh a dhèanamh air Mgr Ewan a-nis gu math cumanta.
Cha do ghabh an t-Urras, neo an Dr Kovac, ris gun do rinn iad dad ceàrr gu laghail, ach ghabh iad ri breith na Cùirte.