50 bliadhna bho stèidhicheadh an HIDB

Àird nan Saor Image copyright Port Àird nan Saor Eta

Air 1mh an t-Samhain 1965, chaidh buidheann a chur air bhonn a bheireadh cruth-atharrachadh air eaconamaidh cheann a tuath na h-Alba.

Chuir Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIDB) dà phrìomh amas romhpa: eaconamaidh Inbhir Nis agus na sgìre timcheall cheann a-staigh Linne Mhoireibh a leasachadh; agus cuideachd sluagh nan sgìrean croitearachd a dhèanamh seasmhach le bhith a' leasachadh ghoireasan is còmhdhail, agus a' cruthachadh obraichean an sin.

Nuair a thòisich am bòrd ag obair, bha a' Ghàidhealtachd gu math eadar-dhealaichte seach mar a tha i an-diugh.

'S e glè bheag de chothroman cosnaidh a bh' ann, agus bha cuideam nas motha air obair-fearainn 's air an iasgach.

Pròiseactan

Airson bun-stèidh na h-eaconamaidh a dhèanamh nas fharsainne, thug am bòrd taic do phròiseactan mòra a bheireadh cosnadh do dh'àireimh mhòir de dhaoine.

Chaidh gàraidhean togail a stèidheachadh aig Ciseorn ann an Ros an Iar, Àranais ann an Leòdhas, Bàgh an Eige air Machair Rois, agus Àird nan Saor, faisg air Inbhir Narann.

Chaidh uidheamachd airson gnìomhachas na h-ola 's a' ghas a thogail sna gàraidhean sin - nam measg clàr-ola an Ninian Central, a bh' air an ni gluasadach a bu mhotha ann an eachdraidh an t-saoghail, aig Gàradh Chiseoirn.

A thuilleadh air a sin, chaidh leaghadairean aluminium a thogail ann an Inbhir Ghòrdain, sa Chorpaich agus ann an Ceann Loch Lìomhain, agus factaraidh pàipeir anns a' Ghearasdan.

Thug am bòrd cuideachd taic do dh'iomadh gnìomhachas beag ann an sgìrean dùthchail.

Ann an Uibhist rinneadh oidhirp gus tùlapan fhàs gu coimearsalta, agus speuclairean a dhèanamh.

Bha factaraidh criostail ann an Gallaibh, agus companaidh a bha a' dèanamh gheansaidhean ann an Slèite, am measg iomadh sgeama eile.

Thug iad taic le bhith a' leasachadh an iasgaich, gus an gnìomhachas a dhèanamh nas seasmhaiche cuideachd, ann am Brèascleit ann an Leòdhas mar eisimpleir, far an deach ionad giollachd èisg a thogail, le goireasan do bhàtaichean-iasgaich nas motha.

Cha do sheas mòran de na gnìomhachasan seo air an casan fhèin san ùine fhada ge-tà, agus ri linn cho mòr 's a bha iad, chaill mòran dhaoine an cosnadh aig an aon àm, a' toirt buile do dh'eaconamaidh nan sgìrean san robh iad.

Dh'fhàg iad dìleab de ghoireasan ge-tà, agus chaidh na togalaichean a chaidh fhàgail a chleachdadh a-rithist le companaidhean eile.

Rinneadh càineadh air a' bhòrd airson uiread de thaic a thoirt do ghìomhachasan air taobh sear Rois, far an robh an eaconamaidh na bu làidire, seach air an taobh siar, far an robh i na bu laige.

A rèir a' chiad Rùnaire a bh' air a' bhòrd, Iain MacAsgaill, bha adhbhar follaiseach airson seo:

"Bhathar a' creidsinn, agus tha fhathast, gu bheil sin ceart, nach eil iad a' dèanamh gu leòr dha na h-Eileanan an Iar," thuirt e.

"An adhbhar airson sin, tha e nas duilghe a dhèanamh. Agus o chionn's gu bheil e nas duilghe, tha còir agad cus a bharrachd oidhirp a chur a-staigh ann.

"Agus bha am bòrd a' dèanamh sin. Bha e nas fhurasta mar a thuirt mi, air an taobh an ear, ach feumaidh tu oidhirp nas motha a dhèanamh. Feumaidh tu dòighean a lorg."

Croitearachd

Tha taobh sear na Gàidhealtachd agus Inbhir nis an-diugh gu math nas fheàrr dheth na bha - ach cuideachd gu math nas fheàrr dheth, a thaobh na h-eaconamaidh co-dhiù, na an taobh siar 's an ceann a tuath.

Tha sluagh na Gàidhealtachd air èirigh gu mòr, às dèidh dha a bhith a' crìonadh cha-mhòr gun stad bho na 1840an.

Ged a chaidh oidhirp a dhèanamh sna sgìrean croitearachd gus cùisean a dhèanamh nas seasmhaiche, cha do shoirbhich leis a' bhòrd gu tric.

Tha mòran bhailtean an-diugh nas laige na bha. Tha mòran sgoiltean beaga air dùnadh, agus le bun-structair còmhdhail nas fheàrr, tha goireasan eile leithid bhùithdean, air falbh cuideachd.

Chuir mòran dhaoine an cùl ris na croitean cuideachd, agus tha gu leòr dhiubh nach eil air an cleachdadh mar a bha.

Tha ge-tà, cothroman a-niste aig òigridh na Gàidhealtachd 's nan Eilean nach robh aca roimhe.

Le UHI, tha e comasach dhabh foghlam àrd-ìre a dhèanamh san sgìre aca fhèin, le cùrsaichean a th' air an dealbhachadh mu choinneimh chothroman cosnaidh a tha ri fhaotainn air Ghàidhealtachd.

Tha ùidh aig cuid a dhaoine òga anns a' chroitearachd cuideachd, ged a tha iad ga fhaighinn doirbh gu tric, cothrom fhaighinn air fearann mura faigh iad mar dhìleab e, ri linn phrìsean àrda.

Tha an aon rud fìor mu thaigheadas, agus prìsean àrda ga fhàgail glè dhoirbh do dhaoine òga fuireach ann an sgìrean dùthchail.

'S e an t-atharrachadh as motha a thachair, sealbh an fhearainn a bhith a' gluasad gu coimhearsnachdan, seach oighreachdan traidiseanta.

Tha na sgìrean far a bheil coimhearsnachdan air am fearann a cheannach, leithid Asainnte, Eige, Cnòideart, agus a' chuid as motha de na h-Eileanan Siar, air pròiseactan a chur air bhonn airson taigheadas a leasachadh a ghabhas ceannach no fhaighinn air màl le daoine òga, agus air obraichean a cruthachadh, agus companaidhean a thàladh.

Ged is ann sna h-Eileanan as motha a tha sin air tachairt, tha Bile an Fhearainn air fàire, agus dh'fhaodadh gun tachair barrachd dheth air Tìr-Mòr, ma tha na daoine air a shon.

HIE

Nuair a chaidh HIE a chur an àite an HIDB ann an 1991, cha robh a' cheart uimhir de chumhachd aca.

Tha seann Chathraiche HIE, Seumas Mac an t-Sealgair, ag ràdh ge-tà, gu bheil a' bhuidheann air a bhith gu feum a dh'aindeoin sin, agus gun do chuidich iad le coimhearsnachdan a bha airson am fearann a cheannach.

"Chuirinnsa argamaid gu math làidir gu bheil sealbh choimhearsnachdan air an fhearann air a bhith gu math soirbheachail," thuirt e.

"Chuirinn argamaid a' cheart cho làidir gu bheil cuid mhath dheth sin mar thoradh air an taic a thug HIE don iomairt sin."

Anns an fharsainneachd, tha Mgr Mac an t-Sealgair den bheachd gu bheil obair an HIDB agus HIE air soirbheachadh, agus gur e rudan ùra fheuchainn cnag na cùise.

"'S e an t-adhbhar a bha iad ann, risgichean a ghabhail," thuirt e.

"Nuair a bha mi fhèin an sàs ann an HIE, bhithinn ag ràdh, mura biodh gu leòr de rudan air fàiligeadh, cha robh sinn air ar n-obair a dhèanamh!

"Ma tha HIE, no buidheann leasachaidh sam bith, ag amas air taic a thoirt do phròiseactean cinnteach, sàbhailte, a-mhàin, chan eil adhbhar dhaibh a bhith ann.

"Faodaidh na pròiseactan sin taic ionmhasail no eile fhaighinn bhon mhargaidh, no bhon bhanca, no ge b' e càite.

"Uile gu lèir, chanainn gu bheil obair an HIDB agus HIE air soirbheachadh gu mòr - gu h-iongantach mòr ann an iomadh dòigh," thuirt e.

A' Ghàidhlig

Dh'fhàg an HIDB cuideachd dìleab don Ghàidhlig.

Nuair a bha Iain MacAsgaill na Rùnaire air a' bhuidhinn, chaidh aithisg Cor na Gàidhlig ullachadh.

Dh'fhàg sin gun deach Comunn na Gàidhlig a chur air bhonn, am measg leasachaidhean eile.

"Mura b' e am bòrd, ann an iomadach dòigh - agus 's dòcha gum bithinn na bu dàna na sin, 's gun canainn mura b' e Iain MacAsgaill, mar Rùnaire aig a' bhòrd, agus gun deach buidheann obrach a stèidheachadh deireadh nan 70an agus toiseach nan 80an, às an tàinig Cor na Gàidhlig," thuirt Ailean Caimbeul, a th' air a bhith an lùib leasachadh na Gàidhlig o chionn iomadh bliadhna.

"Mura b' e an aithisg a bha sin, cha robh Comunn na Gàidhlig air tighinn gu bith, agus cha robh an aithne a fhuair an cànan ann an leasachadh eaconamach, agus leasachadh sòisealta, agus mar a chaidh sin a phòsadh an uair sin ri iomairtean airson foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, agus craoladh 's a h-uile càil eile - cha chreid mi gun robh càil dheth sin air tachairt."

Tuilleadh air an sgeulachd seo