Stòras ag amas air leudachadh

  • Air fhoillseachadh
Crann
Fo-thiotal an deilbh,
Tha mì-thoileachas an Uibhist mun dòigh anns a bheil an MOD air dèiligeadh ri iarrtasan airson crainn-ghaoithe.

Thuirt Stòras Uibhist gun lean iad orra le planaichean gus an tuath-gaoithe aca a leudachadh 's gun dèilig iad ri draghan bho Mhinistrealachd an Dìon ma 's e is gun nochd iad.

Tha an t-uachdaran coimhearsnachd airson an tuath-gaoithe ann an Uibhist a Deas a dhùblachadh gu sia crainn, is an ceangal a th' aca ris a' ghriod làidir gu leòr mar-thà airson sin a dhèanamh.

Tha Stòras an dùil nach tig cosgaisean ro mhòr orra leis gu bheil bun-structair chun na làraich stèidhichte mar-thà.

Dh'fhaodadh ge-tà, cnap-starra tighinn nan rathad ma 's e is gun tèid an MOD an sàs.

Rèidear

Thuige seo, chuir iad an aghaidh ghrunn de na leasachaidhean coimhearsnachd a bha san amharc an Uibhist, is dragh orra gun toir crainn buaidh air an rèidear aca.

Thuirt Stòras gu bheil iad obair còmhla ri buidhnean eile an Uibhist an oidhirp an gnothach san fharsaingeachd a leasachadh.

"Tha an duilgheadas sin mu choinneimh a h-uile duine a tha a' feuchainn ri crainn a chur suas", thuirt Iar-Chathraiche Stòras Uibhist, Sarah NicEachain.

"Tha sinn ag obair còmhla ris na buidhnean freagarrach, a' feuchainn ri sin a leasachadh agus a' feuchainn ri dòigh air adhart fhaighinn, chan ann a-mhàin do Stòras Uibhist ach dha na buidhnean uile an Uibhist a tha a' feuchainn ri pròiseictean a thoirt air adhart", thuirt i.

Thuirt iad cuideachd nach cuir an dragh a th' ann maill orra, aig an ìre seo co-dhiù.

Cead-dealbhachaidh

"An taobh againne dheth, feumaidh sinn cead-dealbhachaidh iarraidh agus 's ann nuair a dh'iarras sinn an cead-dealbhachaidh a tha sin a gheibh sinn a-mach co-dhiù thig an MOD na aghaidh", thuirt Sarah NicEachain.

"Tha sinn a' leantainn oirnn agus a' dèanamh a' phìos againne dheth agus ma thig cnap-starra nar h-aghaidh, feumaidh sinn feuchainn an uair sin ri dèiligeadh ri sin", thuirt i.

'S e am miann aig Stòras gum bi na crainn ùra an-àirde sa Mhàirt 2017.

Gheibh daoine cothrom sùil a thoirt air planaichean Stòrais aig seisean fiosrachaidh ann an Talla an Iochdair Dimàirt eadar 5:00f agus 8:30f.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh