Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sinai

Thuirt a' chompanaidh Metrojet, dham buineadh am plèana Ruiseannach a thuit anns an Èipheit, gur e rudeigin a bhuail anns an itealan, agus nach e trioblaid theicnigeach no coire nam pìleat a bh' ann. 'S e luchd-turais às an Ruis a bh' anns a' mhòr-chuid den 224 duine a chaill am beatha nuair a thuit am plèana ann am fàsach Shinai.

Bile na h-Alba

Thuirt Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, gum bi atharrachadh ann am Bile na h-Alba a' dearbhadh gun do chùm Riaghaltas Westminster ris na gheall iad a thaobh chumhachdan ùra do Holyrood. Thèid Bile na h-Alba gu deasbad agus bhòt ann an Taigh nan Cumantan an ath-sheachdain. Ach tha Rùnaire na h-Alba John Swinney, ag ràdh nach eil, na bheachd-san, an t-atharrachadh a' dol fada gu leòr.

Obar Dheathain

Dh'fhosgail Acadamaidh na Cùilte ann an Obar Dheathain an-diugh airson a' chiad uair bho chaidh balach sgoile, Bailey Gwynne, abha 16 bliadhna de dh'aois, a mharbhadh ann an ionnsaigh sgeine aig an sgoil Diciadain seo chaidh. Tha gille a tha 16, agus nach gabh ainmeachadh air adhbharan laghail, air nochdadh sa chùirt mar thà fo chasaid mhuirt.

An t-Aonadh Eòrpach

Tha an Seansalair, Seòras Osborne, ann am Berlin an-diugh airson chòmhraidhean mu phlana na Rìoghachd Aonaichte airson ath-leasachadh air càirdeas Bhreatainn ris an Aonadh Eòrpach. Canaidh Mgr Obsorne gu bheil Breatainn agus a' Ghearmailt aig meadhan eaconamaidh na h-Eòrpa, agus gum feum an t-Aonadh Eòrpach atharrachadh mu choinneimh dùbhlain a thig fhathast.

Càball a' Chuain Sgìth

Thuirt Companaidh Chumhachd an Rubha is Shanndabhaig ann an Leòdhas gum bu chòir àite a chur an dàrna taobh air càball ùr dealain nan Eilean Siar, nuair a thig e, do phròiseactan coimhearsnachd. Thuirt cathraiche na buidhne, Aonghas MacCarmaig, gum bu chòir an t-àite a bh' aig Aquamarine Power - companaidh a chaidh gu rianachd - a thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd.

Tuath-Gaoithe Loch a' Chàrnain

Bidh coinneamh aig Stòras Uibhist ann an Talla an Iochdair a-màireach far am bi iad ag innse mu phlana airson leudachadh agus leasachadh air tuath-gaoithe Loch a' Chàrnain gu sia crainn-ghaoithe. Ach tha dragh ann gum faodadh strì a bhith aca le Ministrealachd an Dìon, a tha air a bhith a' cur an aghaidh leithid de leasachadh ann an Uibhist 's iad ag ràdh gu bheil e a' toirt droch bhuaidh air an t-siostam radar aca.