Siostam dealain ùr CEN "ro dheireadh na bliadhna"
- Air fhoillseachadh

Tha Comunn Eachdraidh Nis an dùil gum bi siostam dealain ath-nuadhachail ùr aca ro dheireadh na bliadhna a nì sàbhaladh mòr air na cosgaisean aca.
Cuiridh an Comunn Eachdraidh panalan grèine air mullach an togalaich is iad air soirbheachadh ann am farpais nàiseanta a thaobh sgeamaichean cumhachd coimhearsnachd.
Fhuair iad maoineachadh luach £12,500 bhon sgeama, a tha air a' ruith le M&S, is còrr is 500 duine air taic a chur riutha.
"Tha sinn uamhasach toilichte mar a tha cùisean a' dol", thuirt Cathraiche a' Chomuinn Eachdraidh, Anna NicSuain.
"Ged a 's e buidheann a th' ann an Comunn Eachdraidh Nis nach eil e a' faighinn airgead 'core funding' mar gum biodh bho taobh sam bith, tha sinn air a bhith uamhasach soirbheachail ann a bhith a' tàladh a-steach beagan an siud is an seo.
"Taingeil"
"Bha sinn uamhasach taingeil gun robh daoine deònach bhòtadh air ar son agus sinne an aon bhuidheann ann an Alba a fhuair airgead", thuirt i.
Tha an Comunn Eachdraidh an dòchas gun dèan an siostam ùr feum mòr dhaibh a thaobh nan cosgaisean a tha a' tighinn orra gus an togalach, seann Sgoil Chrois, a theasachadh.
Tha an togalach còrr math is 100 bliadhna a dh'aois is tha an Comunn Eachdraidh a' dèanamh nas urrainn dhaibh gus na cosgaisean a lùghdachadh.
"Tha sinn air siostam teasachaidh ùr a chur a-steach agus tha sinn air insulation a chur air an togalach is tha sin air beagan feum a dhèanamh, ach le a bhith a' cruthachadh an dealain againn fhin, tha e a' dol a dhèanamh diofar mòr", thuirt Anna NicSuain.
"S dòcha gu bheil na panalan grèine a' dol a lùghdachadh na cosgaisean againn mu £2,000 sa bhliadhna", thuirt i.
Chaidh companaidh a chur air dòigh mar-thà gus an obair a dhèanamh is an Comunn Eachdraidh an dùil gum bi na panalan air mullach an togalaich ro dheireadh na bliadhna.