Gealltanas mu sheirbheis slàinte na Hearadh
- Air fhoillseachadh
Thàinig gealltanas bho Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar gum bi seirbheis dhotaireachd na Hearadh taobh a-muigh nan uairean-obrach àbhaisteach seasmhach agus comasach air cumail a' dol tro dhroch shìde a' Gheamhraidh.
Tha am Bòrd Slàinte air a bhith a' rannsachadh nan diofar dhòighean anns an gabhadh seirbheis slàinte a thoirt seachad ann an ceann a tuath na Hearadh.
Aig coinneimh phoblaich air an Tairbeart oidhche Luain, thug stiùiriche meidigeach a' bhùird-shlàinte an tuilleadh fiosrachaidh seachad mu na th' air fàire tro mhìosan a' Gheamhraidh.
Thuirt an Dr Aonghas MacEalair gu bheil grunn diofar dhòighean aca air an t-seirbheis a lìbhrigeadh ann an droch shìde, a' toirt a-steach charbadan-eiridinn, maoir-chladaich, agus luchd-slàinte a bhiodh stèidhichte ann am bailtean fa-leth ma 's e is gun tèid rathaidean a dhùnadh.
Tha muinntir an àite ge-tà, fhathast a' feitheamh airson bileagan fiosrachaidh a thighinn thuca tron phost a tha a' mìneachadh ciamar a bhios an t-seirbheis ag obair.
Thuirt am Bòrd Slàinte gun tèid na bileagan a sgaoileadh anns na seachdainnean a tha romhainn.
Bhon Dàmhair an-uiridh, chan eil seirbheis dhotaireachd air a bhith anns an sgìre ceithir uairean fichead san là.
Tha an t-seirbheis air a bhith ga ruith à Ospadal Steòrnabhaigh.