Dithis às an dreuchdan rè ùine aig port-adhair
- Published
Chaidh dithis luchd-obrach aig Port-adhair Steòrnabhaigh a chur às an dreuchdan rè ùine, an dèidh rannsachaidh.
Thuirt a' bhuidheann HIAL, a tha a' ruith a' phuirt-adhair, gun robh seo ceangailte ri 'casaidean làidir' nan aghaidh.
Cha chanadh fear-labhairt na buidhne ach gun deach sgrùdadh a dhèanamh taobh a-staigh na companaidh an dèidh mar a fhuair iad fios mu na h-aithrisean.
Thuirt HIAL gun deach fios a chur chun nam Poileas.
Thuirt am fear-labhairt ge-tà, nach bi buaidh air seirbheisean a' phuirt-adhair.