Pròiseas aiseig "fosgailte is cothromach"

aiseig Image copyright Caledonian MacBrayne
Image caption Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn ann am farpais le Serco Caledonian Ferries Ltd airson a' chùmhnant, a mhaireas ochd bliadhna eile.

Thuirt buidheann neo-eisimeileach a tha a' sgrùdadh mar a tha pròiseas tairgse nan seirbheisean aiseag air a' chost an iar ag obair gu bheil i air a bhith fosgailte agus cothromach.

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn ann am farpais le Serco Caledonian Ferries Earranta airson a' chùmhnant, a mhaireas ochd bliadhna eile.

Chaidh a' bhuidheann-sgrudaidh a stèidheachadh gus dèanamh cinnteach gum bi am pròiseas cothromach dhan dà bhuidheann a tha a' tagradh son a' chùmhnant.

Riochdairean

Tha riochdairean bho Chomhairle nan Eilean Siar, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Comhairlean Coimhearsnachd Thiriodh agus Ìle am measg nam ball.

Thuirt Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, gun robh a' chiad aithisg a thàinig bhon bhuidhinn neo-eisimeilaich na fianais air oidhirpean an Riaghaltais gus pròiseis cothromach a stèidheachadh.

Thuirt e cuideachd gun robh an dà choinneamh a bh' air a bhith ann thuige seo air a bhith feumail dha-rìreabh.

Tha dùil ri coinneamhan eile san àm ri teachd a bhios a' coimhead air pàirtean eile dhan phròiseis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile