Eòghan Stiubhart
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Leòdhasaich ag amas air òigridh

4 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'ainmich manaidsear ùr Camanachd Leòdhais, Donnchadh Mac an t-Saoir, an sgioba coidsidh a bhios aige agus tha dreuchd gu tur ùr na measg.

Sin 'Ceannard Leasachadh na h-Òigridh', is tha Eòghan Stiùbhart air aontachadh an dùbhlan a ghabhail os làimh.

Dhearbh na Leòdhasaich gum fuirich Coinneach Moireach na sgiobair le taic bho Phòl Duke.

Bidh uallach air Will Church an sgioba a chumail fut is Ally MacLaomainn na leas-choidse.

Bidh Al Reed is Graham Cay nan coidsichean òigridh.

Mar a mhìnich Eòghan Stiùbhart, 's e an dùbhlan aigesan a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil òigridh an eilein a' dol an sàs san spòrs.