Slaic bho Amnesty

Published
image copyrightJohn Allan / Geograph
image captionTha rannsachadh a' dol feuch an deach puirt-adhair an Alba, Inbhir Nis is Inbhir Ùige nam measg, a chleachdadh nuair a bhathar a' gluasad chuid a bha fo amharas gun robh iad ri ceannairc.

Thug Amnesty Eadar-Nàiseanta slaic air "dìomhaireachd" mu rannsachadh air casaidean gun robh plèanaichean CIA a' stad aig puirt-adhair Albannach, feadhainn air a' Ghàidhealtachd nam measg.

Tha Poileas na h-Alba an-dràsta a' rannsachadh nan casaidean gun deach puirt-adhair an Alba, Inbhir Nis is Inbhir Ùige nam measg, a chleachdadh nuair a bhathar a' gluasad cuid a bha fo amharas gun robh iad ri ceannairc.

Thòisich rannsachadh bho chionn dà bhliadhna gu leth, ach chaidh cead a dhiùltadh dhan BhBC coimhead air aithisg mu dheidhinn.

Cha chanadh Poileas na h-Alba nas motha an robh iad air aithisg mun ghnothach fhaighinn bho Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte.

Thuirt Amnesty Eadar-Nàiseanta nach eil "cus dìomhaireachd" ann an suidheachadh mar seo a' dèanamh feum sam bith a thaobh tèarainteachd na dùtcha, is gur ann a dh'fhaodadh e cuid a bhrosnachadh a bhith ri ceannairc.

Thuirt Poileas na h-Alba nach urrainn dhaibh beachd a thoirt air rannsachadh a tha a' dol air adhart.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh