Seirbheis ùr eadar Inbhir Nis is Lunnainn
- Air fhoillseachadh
Dh'fhoillsich a' chompanaidh British Airways gu bheil iad a' tòiseachadh seirbheis làitheil a-rithist eadar Inbhir Nis agus Port-adhair Heathrow ann an Lunnainn.
Tòisichidh an t-seirbheis ùr an 3mh den Chèitean an ath-bhliadhna.
Bidh an t-itealan air an t-seirbheis - an Airbus A319 - comasach air 143 neach a ghiùlain agus tha BA ag ràdh gum bi seo a' fosgladh na Gàidhealtachd ri luchd-turais agus luchd-gnothachais.
Sguir an t-seirbheis mu dheireadh a bh' aig British Airways air an t-slighe ann an 1997.
Tha strì mhòr air a bhith ann fad iomadh bliadhna 'son seirbheis a stèidheachadh às ùr eadar an dà phort-adhair, gun mòran soirbheachais.
Chuir Inglis Lyon a tha os cionn na buidhne HIAL fàilte air an naidheachd, a' togail air na cothroman a bhios ann do dhaoine air a' Ghàidhealtachd ceangal a dhèanamh le seirbheisean BA gu ruige còrr air 130 ceann-uidhe.
Thuirt Derek MacAoidh, Ministear na Còmhdhail, gu bheil seo a' fosgladh na Gàidhealtachd gu luchd-turais às gach ceàrn, rud a tha e ag ràdh a bheir togail do dh'eaconamaidh na sgìre.
Tha BA ag ràdh le cìsean agus eile gum bi suidheachain a' tòiseachadh aig £89 a Lunnainn agus air ais.