Trioblaid eile le plèana Loganair

Loganair

Thàinig e am bàrr gun do nochd trioblaid eile le plèana Loganair ann an Steòrnabhagh.

Dh'aidich a' chompanaidh gun do lorg poidhleat sgàin ann an tè de na propeilearan air plèana a bha gus falbh à Steòrnabhagh gu ruige Ghlaschu madainn Diciadain.

Bha am plèana mar thà air siubhail à Glaschu.

Thuirt fear-labhairt bho Loganair gun tàinig plèana eile gus an luchd-siubhail a thoirt a Ghlaschu is gu bheil obair-càraidh ga dèanamh air a' chiad phlèana.

"Tha sinn duilich airson duilgheadas sam bith a thàinig air daoine", thuirt am fear-labhairt.

"Sàbhailteachd"

"S e sàbhailteachd an luchd-siubhail agus an luchd-obrach an rud as cudromaiche a th' ann dhuinn, is thug sinn am plèana a-mach à seirbheis cho luath 's a nochd an trioblaid seo", thuirt e.

Thàinig e am bàrr an t-seachdain seo chaidh gun robh dragh air aonadh nam poidhleatan, BALPA, mu shuidheachadh Loganair.

Sgrìobh an t-aonadh chun na companaidh is iad ag ràdh gu bheil cunnart ann gun tèid Loganair à bith mura h-atharraich iad mar a tha obair-càraidh ga dèanamh air na h-itealain aca.

Thuirt na poidhleatan gun robh roinn-innleadaireachd na companaidh ann an suidheachadh èiginneach agus gun robh dùbhlan ro na h-innleadairean na plèanaichean a tha a' frithealadh air na h-eileanan agus a tha a' fàs aosda, a chumail aig an ìre a bu chòir.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile