LEADER nan Eilean Siar fosgailte
- Air fhoillseachadh

Tha sgeama LEADER nan Eilean Siar a-nise fosgailte airson tagraidhean.
Tha iad air £3m fhaighinn bhon sgeama Eòrpach airson an ath shreath phròiseactan.
Bidh e an urra ri buidhnean, coimhearsnachdan agus luchd gnìomhachais am beachdan a chur air adhart.
"Tha an t-airgead airson cuideachadh le buidhnean a bhith a' fàs ann an dòigh ùr agus eadar-dhealaichte," thuirt tha Kathleen Mhoireasdan aig Comhairle nan Eilean Siar.
"Agus gnìomhachasan a tha ag iarraidh rudeigin ùr a dhèanamh dhaibh fhèin cuideachd.
"Gheibh sinn croitearan a tha ag iarraidh cur a-steach airson taic ma tha iad ag iarraidh rudeigin eadar-dhealaichte a dhèanamh air a' chroit aca.
"No coimhearsnachdan ri taobh na mara; buidhnean anns a' choimhearsnachd a tha ag iarraidh chur-seachadan ùra, agus leasachadh ùr a thoirt a-steach.
"Bidh na pròiseactan a' toirt an aire do rudan mar turasachd, cultar, Gàidhlig, nàdar, arceòlas agus a' toirt buaidh air an àrainneachd cuideachd.
"Gheibh buidhnean air cur a-steach airson taic bho £1,000 suas gu £125,000 airson pròiseict.
"Agus ma tha duine air taic fhaighinn ron a seo airson pròiseict eile chan eil sin a' cur stad orra bho a bhith a' tighinn air ais thugainn a choimhead ri pròiseact ùr.
"Tha LEADER an dèidh cuideachadh roimhe le dèanamh obair ùir anns na coimhearsnachd, a' cumail dhaoine anns a' choimhearsnachd cuideachd.
"Anns 'a phrògram mu dheireadh, bha leader a' cuideachadh bhuidhnean coimhearsnachd a' dèanamh leasachaidh leithid chur-seachadan ùra agus togalaichean ùra cuideachd.
"Tha sinn ag iarraidh phròiseactan air feadh nan Eileanan, agus bidh feadhainn aca dìreach a' cuideachadh aon choimhearsnachd, 's bidh feadhainn eile a' cuideachadh Innse Gall gu lèir.
"Dh'fheumadh buidhnean plana a chur còmhla mu dheidhinn a' phròiseict, agus ma chuireas iad fios thugam fhìn, agus ma thèid iad air an làraich-lìn againn, tha barrachd fiosrachaidh an sin mu dheidhinn na dh'fheumas iad a dhèanamh agus cuideachd mar a gheibh iad air fòn a chur thugamsa.
"Bidh oifigearan againn ann an Steòrnabhagh, agus cuideachd bidh fear againn ann an Uibhist agus Barraigh," thuirt i.