Dragh mu aiseagan an Uibhist
- Air fhoillseachadh
Uibhistich 'son ceangal an Òbain a chumail
Chaidh dragh a thogail ann an Uibhist mun chlàr-ama a tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' moladh airson Samhradh na h-ath-bhliadhna.
Dh'fhoillsich Cal Mac na planaichean san t-Sultuin is co-chomhairle ga dèanamh orra an-dràsta.
Ged a rinn daoine toileachas mòr ris a' mholadh gus seirbheis gach là a stèidheachadh eadar Loch Baghasdail is Malaig, tha iomagain air nochdadh a-nise gun sguireadh an t-seirbheis eadar Loch Baghasdail 's an t-Òban.
Is coltach gu bheil croitearan is luchd-gnothachais gu h-àraidh an-fhoiseil.
"Chuir sinn ùidh mhòr anns an naidheachd nuair a chuala sinn e, is gu math toilichte gu bheil sinn a' faighinn aiseagan a bharrachd", thuirt Tormod MacAsgaill, a tha na thuathanach is a bhios a' reic biadh stuic.
"Ach nuair a chuala sinn bho chionn seachdain no dhà gun robh sinn a' call ceangail ris an Òban, bha sinn gu math duilich is tha e a' dol a thoirt buaidh mhòir mhòir air croitearan feadh nan eileanan seo air fad, chan aithne dhomh duine nach bi e a' bualadh air.
"Tha dà chompanaidh margaidh stuic san Òban is tha goireasan aca airson beathaichean a chumail, co-dhiù ma tha iad a' falbh às a seo no tighinn bho mheadhan na h-Alba is air an rathad an seo, is tha daoine san Òban a choimheadas às an dèidh agus a chuireas air aiseag iad, is gheibh na croitearan air an togail an Loch Baghasdail.
"Muladach"
"Ma tha sinn a' dol a chall a' cheangail a tha sin, tha e dìreach muladach uile gu lèir", thuirt e.
Thuirt Mgr MacAsgaill gu bheil e air fios a chur air an Riaghaltas.
Thog a' chompanaidh togail MacInnes Brothers dragh cuideachd.
Mar a tha cùisean an-dràsta, tha ceangal eadar Loch Baghasdail is Bàgh a' Chaisteil cuid de làithean mar phàirt den t-seirbheis eadar an dà àite is an t-Òban.
Tha MacInnes Brothers am measg na tha a' cur na seirbheis sin gu feum gus luchd-obrach is gnothaichean-togail a ghluasad is cùmhnantan aca am Barraigh.
Tha iad ag ràdh nach dèan an aiseag bheag a tha a' seòladh eadar Èirisgeidh is Barraigh a' chùis, is gur ann a dh'fheumadh iad a dhol eadar Loch nam Madadh is Ùige, sìos dhan Òban is aiseag fhaighinn às a sin gu Barraigh.
"Eugach mòr"
"Nì e eugach mòr oirrn", thuirt Neil MacAonghais bhon chompanaidh.
"Bha e ag obair glè mhath dhuinne ach a-nise feumaidh sinn smaoineachadh ciamar a dheargas sinn jobaichean a phrìseadh ann am Barraigh", thuirt e.
Dh'innis a' chompanaidh dha Cal Mac mar thà gum faodadh an gnothach buaidh mhòr a thoirt orra.
Thuirt Còmhdail Alba gu bheil a' cho-chomhairle mu chlar-àma an t-Samhraidh a' leantainn, is gu bheil na planaichean a th' ann a' dol a leudachadh seirbheisean aiseig dha na h-Eileanan an Iar air fad.
Thuirt Cal Mac fhèin nach deach dad aontachadh fhathast, is gu bheil iad airson seirbheis cho math 's a ghabhas a thoirt seachad leis na goireasan a th' aca.
Dh'innis iad cuideachd gun èist iad ri gach beachd a gheibh iad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh6 An t-Samhain 2015
- Air fhoillseachadh22 An t-Sultain 2015